Logo YouVersion
Îcone de recherche

Laoidhean 20

20
LAOIDH 20
Isaiah 24.1-7
1Cia glòrmhor àluinn caithir Dhé!
Sion cia breagh a snuadh!
Innte chuir Dia a chaithir‑righ,
chum marsuinn siorruidh buan.
2A balla dìonaidh e le 'ghràs,
gu làr cha tuit i chaoidh;
Ni slàinte tèarmunn di gach taobh,
's ifrinn cha‑n fheud a claoidh.
3A dhorsa siorruidh, éiribh suas,
fosglaibh gu luath o chéil';
'S gu'n rachadh naomh‑shluagh Dhé a steach
a thug d'a reachd‑san géill.
4An so gun airceas mealaidh sibh
sìth shòlasach gu bràth;
Sibhse le n' ionmhuinn àrd‑ainm Dhé
's tha deanamh buìn á 'ghràs.
5Earbaibh á Dia sìor‑earbaibh as;
gach eagal fògraibh uaibh;
Aig Dia tha cumhachd chum 'ur dion,
feadh linn nan linn gu buan.
6Còmhnuidh nan droch dhaoin', ged is àrd
bheir Dia le 'làimh i nuas;
'S am mòr‑chuis tilgidh esan sìos,
co ìosal ris an uaigh.
7Saltraidh am bochd an sin le tàir,
air àrois àrd' nan daoi:
Tràth bhios iad ànte air an làr,
gun éirigh 'n àird a chaoidh.

Sélection en cours:

Laoidhean 20: LSN1987

Surbrillance

Partager

Copier

None

Tu souhaites voir tes moments forts enregistrés sur tous tes appareils? Inscris-toi ou connecte-toi