Logo YouVersion
Îcone de recherche

Laoidhean 19

19
LAOIDH 19
Isaiah 9.2-8
1Feuch! dh'éirich solus air na slòigh
bha chòmhnuidh 'n duibhre bàis;
Is air an t‑sluagh a bha fo sgàil,
nis dhealraich Grian nan gràs.
2A d'ionnsuidh‑sa, a Ghrian an àigh!
le fàilte thig gach sluagh,
'S iad aoibhinn mar luchd buain o'n fhaich,
's am foghar taisgte suas.
3Oir thog thu dhinn ar n‑eallach ghoirt,
is lotadh leat ar nàmh,
Le d' ghairdean treun ghrad‑thilg thu sìos
luchd mi‑ruin chum an làir.
4Mar laoch a' ruith feadh fola 's àir,
tha Slanuighear nam buadh;
Mar cheumaibh dhealanaich nan speur
bheir thu fo ghéill gach sluagh.
5Feuch dhuinne rugadh Mac an àigh;
fhuair sinn Slànuighear treun!
Gach treubh air thalamh géillidh dha
is aingle nèimh gu léir.
6Prionnsa na siochaint canar ris,
's e'n Ti ta glic is treun;
Le ceartas riaghlaidh e gach sluagh,
o 'chaithir shuas air nèamh.

Sélection en cours:

Laoidhean 19: LSN1987

Surbrillance

Partager

Copier

None

Tu souhaites voir tes moments forts enregistrés sur tous tes appareils? Inscris-toi ou connecte-toi