N. Marc 15

15
XV. CAIB.
A chuid eile de dhʼ eachdraidh a phàis.
1Agus gu luath sa mhaduinn chuir na h-ard-shagairt, ʼs na seannairean ʼs na Sgriobhaich, ʼsa chomhairle uile, an comhairle ri cheile, agus cheangail iad Iosa, agus thug iad leo e, agus liubhair iad e do Philat.
2Us dhʼfharraid Pilat dheth: An tu Righ nan Iudhach? Agus Iosʼ a freagairt, thuirt e ris: Tha thu ga gh-radh.
3Agus bha na h-ard-shagairt a cur ioma cuis as a leth.
4Us dhʼfharraid Pilat a rithist dheth, a g-radh: Nach toir thu freagairt air bith? seall co liuthad ni tha iad a g-agairt na tʼaghaidh.
5Ach cha do fhreagair Iosa idir tuilleadh, air sheol ʼs gun do ghabh Pilat iongantas.
6A nis air latha na feille bʼabhuist da leigeil mu sgaoil dhaibh aon sa bith dhe na priosanaich, a dhʼiarradh iad.
7Agus bha fear ann, dha ʼm bʼainm Barabbas, a chuireadh am priosan comhla ri luchd-ceannairc, agus a bha air murt a dhianamh ann an ceannairc.
8Agus nuair a dhirich an sluagh suas, thòisich iad ri iarraidh air, e dhianamh dhaibh mar a bʼabhuist dha daonnan.
9Agus fhreagair Pilat iad, ʼs thuirt e: An aill leibh gun leig mi as dhuibh righ nan Iudhach?
10Oir bha fios aige gum bʼann tromh fharmad a liubhair na h-ard-shagairt seachad e.
11Ach bhrosnaich na h-ard-shagairt an sluagh, gun leigeadh e mar raghainn Barabbas mu sgaoil daibh.
12Agus fhreagair Pilat a rithist, us thuirt e riu: Ciod ma ta is aill leibh mi dhianamh ri righ nan Iudhach?
13Ach ghlaodh iad a rithist: Ceus e.
14Us thuirt Pilat riu: Ciod an t-olc a rinn e? Ach ʼsann is mua ghlaodh iad: Ceus e.
15Agus bho na bha Pilat deonach an sluagh thoileachadh, leig e Barabbas mu sgaoil dhaibh, ʼs an deigh Iosa sgiursadh, thug e seachad e, gus a cheusadh.
16Ach thug na saighdearan leo e a stigh gu cùirt an uachdrain, us ghairm iad am buidheann uile.
17Agus dhʼeid iad e le purpur, ʼsa fighe crùn dreighinn chuir iad air e.
18Agus thòisich iad air furan a chur air, a g-radh: Failt, a righ nan Iudhach.
19Us bhuail iad a cheann le cuilc; agus thilg iad smugaidean air, ʼsa lubadh an glun, thug iad aoradh dha.
20Agus an deigh dhaibh magadh air, thug iad dheth am purpur, us chuir iad aodach fhein air, agus thug iad leo e gus a cheusadh.
21Agus dhʼeignich iad fear a bha dol seachad, Simon bho Chirene, athair Alastair agus Rufuis, a bha tighinn as an duthaich, gus a chrois a ghiulan.
22Agus thug iad e gu aite ris an canar Golgotha, se sin air eadar-theangachadh, aite Chalbhari.
23Agus thug iad dha ri ol fion measgte le mirr; agus cha do ghabh e e.
24Agus air dhaibh a cheusadh, roinn iad aodach, a tilgeadh chrann air, fiach ciod a thogadh gach aon.
25Agus bʼi an tritheamh uair a bhʼann, agus cheus iad e.
26ʼS bha chuis-dhitidh sgribhte fos a chionn: Righ nan Iudhach.
27Agus cheus iad dà mheirleach comhla ris, fear air a laimh dheis, us fear air a laimh chli.
28Agus choimhlionadh an sgriobtur, a tha g-radh: Agus bha e air a mheas am measg nan eucorach.
29Agus thug iadsan a bha dol seachad toibheum dha, a crathadh an cinn, ʼsa g-radh: O thusa, a leagas an teampull, ʼsa thogas e rithist ann an tri latha:
30Teasraig thu fhein agus thig a nuas dheʼn chrois.
31Mar an ciadna bha na h-ard-shagairt a magadh air, agus marris na Sgriobhaich a cantuinn ri cheile: Shabhail e feadhainn eile, e fhein cha n-urrainn e shabhaladh.
32Thigeadh Criosta righ Israil a nuas a nis bhoʼn chrois, chum gum faic agus gun creid sinn. Us thug iadsan, a cheusadh maille ris, taire dha.
33ʼS nuair a thainig an t-siathamh uair, bha dorchadas air an talamh gus an naoitheamh uair.
34Agus aig an naoitheamh uair dhʼeigh Iosa le guth ard, a g-radh: Eloi, Eloi, lamma sabacthani? se sin air eadar-theangachadh: Mo Dhia, mo Dhia, car-son a threig thu mi?
35Agus thuirt cuid deʼn fheadhainn a bha ʼnan seasamh mun cuairt, nuair a chual iad e: Seall, tha e gairm Eliais.
36Agus ruith fear, ʼsa lionadh spuing le fion-geur, ʼs ga cur air cuilc, thug e dha ri ol, a g-radh: Leigibh leam, faicemid an tig Elias gus a thoirt a nuas.
37Agus Iosa a g-eigheach le guth ard, thug e suas an anail.
38Agus sthracadh brat an teampuill na dhà leth bho bhraighe gu ʼiochdar.
39Agus nuair a chunnaic an ceannard-ciad, a bha ʼna sheasamh mu choinneamh, gun do dhʼeug e a g-eigheachd mar sin, thuirt e: Gu firinneach bʼe an duine so Mac Dhe.
40Agus bha boirionnaich cuideachd a coimhead fad as: ʼnam measg bha Mairi Magdalen, agus Mairi mathair Sheumais is lugha us Ioseiph, agus Salome:
41A lean e nuair a bha e ann an Galile, ʼsa fhreasdail air, agus moran bhoirionnach eile, a bhʼair direadh gu Ierusalem maille ris.
42ʼS nuair thainig am feasgar, a chionn gum bʼe an t-uidheamachadh a bhʼann, se sin an latha romh ʼn t-sàbaid,
43Thainig Ioseph bho Arimatéa, comhairleach urramach, aig an robh suil e fhein ri rioghachd Dhe, us chaidh e stigh gu dàna gu Pilat, agus dhʼiarr e corp Iosa.
44ʼS bha iongantas air Pilat gum biodh e cheana marbh. ʼSa gairm a cheannaird-chiad, dhʼfharraide dheth an robh e cheana marbh.
45ʼS nuair fhuair e fios bhoʼn cheannard-chiad, thug e an corp do Ioseph.
46Agus cheannaich Ioseph lion-anart, ʼs ga thoirt a nuas, shuain e san lion-anart e, agus chuir e ann an uaigh e, a bhʼair a gearradh as a chraig, agus charaich e clach gu dorus na h-uaighe.
47ʼS bha Mairi Magdalen agus Mairi mathair Ioseiph a gabhail beachd càite an rachadh a chur.

انتخاب شده:

N. Marc 15: MacETN

های‌لایت

به اشتراک گذاشتن

کپی

None

می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید