N. Marc 14

14
XIV. CAIB.
A chiad chuid de eachdraidh pais Chriosta.
1A nis bha feill na càsga ʼs an arain neo-ghoirtichte an ceann dà latha: us bha na h-ard-shagairt, ʼs na Sgriobhaich a sireadh ciamar a ghlacadh iad e le foill, ʼsa mharbhadh iad e.
2Ach thuirt iad: Cha n-ann air latha na feille, eagal buaireas eirigh ma dhʼ fhaoidte am measg an t-sluaigh.
3ʼS nuair a bha e ann am Bethania an tigh Shimoin an lobhar, ʼsa bha e aig biadh, thainig boirionnach aig an robh bocsa alabastair de dhʼ ola phriseil spicnaird, ʼsa bristeadh a bhocsa alabastair, thaom i air a cheann i.
4A nis bha cuid a ghabh anntlachd unnta fhein, a g-radh: Car-son a rinneadh an t-ana-caitheamh so air an ola?
5Oir dhʼfhaoidte an ola so reic air son corr us tri fichead sgilinn, ʼs an toirt do na bochdan. Agus rinn iad monmhur ʼna h-aghaidh.
6Ach thuirt Iosa: Leigibh leatha, car-son tha sibh a cur dragh oirre? Rinn i deagh ghniomh ormsa.
7Oir tha na bochdan daonnan agaibh; us faodaidh sibh math a dhianamh dhaibh, nuair a thoilicheas sibh: ach cha n-eil mise daonnan agaibh.
8An ni bhʼaice so, rinn i: thainig i roi-laimh a dhʼungadh mo chuirp air son an adhlaic.
9Gu firinneach tha mi g-radh ribh: ge bʼe aite an teid an soisgeul so shearmonachadh feadh an t-saoghail uile, gun innsear na rinn i so mar chuimhneachan oirre.
10Us dhʼfhalbh Iudas Iscariot, fear de na dhà-dhiag, a dhʼionnsuidh nan ard-shagart, gus a bhrath dhaibh.
11Air dhaibhse so chluinntinn, rinn iad toileachadh; agus gheall iad airgiod a thoirt dha. Us bha esan a sireadh ciamar gheobhadh e cothrom air a bhrath.
12ʼS air a chiad latha deʼn aran neo-ghoirtichte, nuair bha iad a g-iobradh na càsga, thuirt a dheisciopuil ris: Càite an aill leat sinn a dhol, los gun deasaich sinn dhut, ʼs gun ich thu a chàisg?
13Agus chuir e dithis dhe dheisciopuil, agus thuirt e riu: Rachaibh a stigh doʼn bhaile: us tachraidh duine oirbh a giulan saghach uisge, leanaibh e;
14Agus ge bʼe aite an teid e stigh, abraibh ri fear an tighe gum beil am maighistir a g-radh: Càite a bheil mo sheomar-bìdh, far an ith mi a chàisg comhla ri mo dheisciopuil?
15Agus fiachaidh e dhuibh seomar-bìdh farsuinn lan-uidheamaichte; deasaichibh an sin dhuinn.
16Us dhʼfhalbh a dheisciopuil, agus thainig iad doʼn bhaile, agus fhuair iad mar a thuirt e riu, agus dheasaich iad a chàisg.
17Agus air tighinn doʼn fheasgar, rainig e leis na dhà-dhiag.
18Agus nuair a bha iad ʼnan suidhe aig a bhord, ʼsa g-ithe, thuirt Iosa: Gu firinneach tha mi radh ribh, gum brath fear agaibh, a tha g-ithe maille rium, mi.
19Agus thòisich iadsa ri bhith muladach, ʼs gach aon ri radh ris fos leth: Am mise e?
20Us thuirt e riu: Se am fear deʼn dà fhear dhiag a tha tumadh a laimh comhla rium sa mheis.
21ʼS gu deimhinn tha Mac an duine a falbh, mar a tha e sgribhte uime: ach se mo thruaighe an duine sin leis am brathar Mac an duine: bu mhath dhaʼn duine sin nach beirte e.
22ʼS nuair a bha iad a g-ithe, ghlac Iosa aran; ʼsa beannachadh bhrist e, agus thug e dhaibh, us thuirt e: Gabhaibh, se so mo chorpsa.
23Agus ghlac e chailis, ʼsa toirt taing thug e dhaibh; us dhʼol iad uile dhi.
24Us thuirt e riu: Si so mʼfhuil-sa an tiomnaidh nuaidh a dhoirtear air son morain.
25Gu deimhinn tha mi g-radh ribh, nach ol mi á so suas de thoradh so na fionain, gus an latha sin air an ol mi ùr e ann an rioghachd Dhe.
26ʼS nuair a sheinn iad laoidh, chaidh iad a mach gu sliabh Olibheit.
27Us thuirt Iosa riu: Gabhaidh sibh uile sgainneal asamsa air an oidhche nochd: oir tha e sgribhte: Buailidh mi am buachaille, agus sgapar na caoraich.
28Ach an deigh mʼaiseirigh gabhaidh mi roimhibh do Ghalile.
29Ach thuirt Peadar ris: Ged ghabhadh iad uile sgainneal asad, cha ghabh mise.
30Agus thuirt Iosa ris: Gu deimhinn tha mi g-radh riut, an diugh fhein air an oidhche nochd, mun goir an coileach dà uair, gun aicheadh thu mi tri uairean.
31Ach ʼsann an sin bu diana a labhair e: Ged bʼfheudar dhomh am bàs fhulang maille riut, cha n-aicheadh mi thu. Agus an ni ciadna thuirt iad uile.
32Agus thainig iad gu fearann ris an canar Gethsemani. Us thuirt e ri dheisciopuil: Suidhibh an so gus an dian mi urnaigh.
33Agus thug e leis Peadar, us Seumas, us Eoin; agus thòisich e air oillteachadh, ʼs air tiamhachd a ghabhail.
34Us thuirt e riu: Tha mʼanam brònach gu ruig am bàs: fanaibh an so, us dianaibh faire.
35ʼSa dol ceum air adhart, thuit e air an talamh; us ghuidh e, nam faodadh e bhith, gun rachadh an uair seachad air:
36Us thuirt e: Abba Athair, tha a h-uile ni na dʼ chomas, cuir a chailis so seachad orm, ach cha n-e na ʼs aill leamsa, ach na ʼs aill leatsa.
37Agus thainig e, us fhuair e iad ʼnan cadal. Us thuirt e ri Peadar: A Shimoin, am beil thu na dʼchadal? nach bʼurrainn dhut aon uair a chaithris?
38Dianaibh faire agus urnaigh, chum nach tuit sibh ann am buaireadh. Tha an spiorad gu dearbh toileach, ach thaʼn fheoil lag.
39ʼSa falbh a rithist rinn e urnaigh, a cantuinn nam briathran ciadna.
40ʼSa tilleadh, fhuair e rithist iad ʼnan cadal (oir bha an suilean trom), agus cha robh fios aca ciod a fhreagradh iad da.
41Agus thainig e an treas uair, us thuirt e riu: Caidlibh a nis, agus gabhaibh fois. Foghnaidh sin: tha ʼn uair air tighinn: seall, liubhrar Mac an duine do lamhan pheacach.
42Eiribh, falbhamaid: seall, tha esa a bhrathas mi faisg.
43Bha e fhathast a labhairt, nuair thaing Iudas Iscariot fear de na dhà-dhiag, agus moran sluaigh comhla ris le claidhean, ʼs le bataichean, bho na h-ard-shagairt, agus na Sgriobhaichean, ʼs na seanairean.
44Agus bhaʼm brathadair air comharradh a thoirt dhaibh, a g-radh: Ge bʼe neach dha ʼn toir mise pog, se sin e, beiribh air, agus thugaibh leibh e gu curamach.
45ʼS nuair thainig e, ghrad-chaidh e ga ionnsuidh, us thuirt e: Failt ort, a Mhaighistir; agus phog e e.
46Agus chuir iadsan an lamhan air, agus chum iad e.
47Ach tharruinn aon deʼn fheadhainn a bha mun cuairt a chlaidheamh, agus bhuail e seirbhiseach an ard-shagairt, agus ghearr e chluas dheth.
48Agus Iosa a freagairt, thuirt e riu: An tainig sibh a mach le claidhean ʼs le bataichean gu mise ghlacadh, mar gum bu mheirleach mi?
49Bha mi a teagasg san teampull comhla ribh a h-uile latha, agus cha do ghlac sibh mi. Ach ʼsann gus na sgriobturan a choimhlionadh a tha so.
50An sin a dheisciopuil ga threigsinn, theich iad uile.
51Ach lean oganach araid e air eideadh le lion-anart thairis air a choluinn ruisgte; agus rinn iad greim air.
52Ach esan a tilgeadh dheth an lion-anairt, theich e bhuapa ruisgte.
53Us thug iad leo Iosa thun an ard-shagairt; agus chruinnich na sagairt uile, agus na Sgriobhaich, agus na seanairean.
54Agus lean Peadar e fad as, gu ruig cùirt an ard-shagairt; ʼs bha e ʼna shuidhe marris na seirbhisich aig an teine, agus ga gharadh fhein.
55Agus dhʼiarr na h-ard-shagairt, ʼsa chomhairle uile, comhdach an aghaidh Iosa, gus a chur gu bàs, agus cha dʼfhuair iad sin.
56Oir bha moran a toirt fianuise-breige ʼna aghaidh: ach cha robh an teisteanas a cordadh.
57Agus bha cuid a dhʼ eirich suas, ʼsa thog fianuis-bhreige ʼna aghaidh, a g-radh:
58Chuala sinn e g-radh: Leagaidh mi an teampull so a rinneadh le lamhan, agus an tri latha togaidh mi fear eile nach dʼrinneadh le lamhan.
59Us cha robh an teisteanas acasan a cordadh.
60Agus an t-ard-shagart a g-eirigh ʼnam miadhon, cheasnaich e Iosa, a g-radh: Nach toir thu freagairt sam bith air na nichean a tha iad so a cur as do leth?
61Ach dhʼfhan esan ʼna thosd, agus cha do fhreagair e guth. Agus dhʼfharraid an t-ard-shagart dheth rithist, us thuirt e ris: An tu an Criosta, Mac an De bheannaichte?
62Us thuirt Iosa ris: Is mi; agus chi sibh Mac an duine ʼna shuidhe air deas laimh cumhachd Dhe, ʼsa tighinn air neoil nan speur.
63An sin an t-ard-shagart a stracadh ʼeididh, thuirt e: Ciod am feum thʼagainn tuilleadh air fianuisean?
64Chuala sibh am blais-bheum: ciod e ur barail? Dhit iad uile e mar fhear toillteanach air bàs.
65Agus theann cuid ri caitheamh smugaidean air, ʼs ri comhdach ʼaodainn, ʼs ri bualadh dhorn air, ʼs ri radh ris: Fàisnich; agus bhuail na seirbhisich leʼm basan e.
66ʼS nuair a bha Peadar gu h-iosal anns a chùirt, thainig té de shearbhantan an ard-shagairt;
67ʼS nuair a chunnaic i Peadar ga gharadh fhein, a gabhail beachd air, thuirt i: Bha thusa cuideachd comhla ri Iosa bho Nasareth.
68Ach dhʼaicheadh esan, a g-radh: Cha n-aithne dhomh agus cha mhua tha mi tuigsinn ciod tha thu g-radh. Agus dhʼfhalbh e mach gu bialaobh na cùirte, agus ghoir an coileach.
69Agus a rithist nuair chunnaic searbhanta e, thòisich i ri innse doʼn fheadhainn a bha ʼnan seasamh mun cuairt: ʼSann dhiu am fear so.
70Us dhʼaicheadh esan a rithist. Agus an ceann tacain, thuirt iadsan a bha san lathair a rithist ri Peadar: ʼSann dhiu thu gu cinnteach: oir is Galiléach thu.
71Ach thòisich esan ri mollachadh ʼs ri mionnachadh: Cha n-aithne dhomh an duine so mu ʼm beil sibh a labhairt.
72Agus anns a cheart uair ghoir an coileach a rithist. Us chuimhnich Peadar air an fhacal, a thuirt Iosa ris: Mun goir an coileach dà uair, aicheadhaidh thu mi tri uairean. Agus thòisich e air gal.

انتخاب شده:

N. Marc 14: MacETN

های‌لایت

به اشتراک گذاشتن

کپی

None

می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید