N. Marc 10

10
X. CAIB.
Cha n-fhaodar snaim a phosaidh fhuasgladh; cunnart beartais; uaill-mhiann mic Shebede; a fhradharc air a thoirt do dhall.
1ʼSa g-eirigh as a sin, thainig e gu criochan Iudéa air taobh thall Iordain; agus chruinnich sluagh a rithist ga ionnsuidh; agus mar a bʼabhuist da, theagaisg e rithist iad.
2ʼS na Phairisich a tighinn ga ionnsuidh, dhʼfharraid iad dheth: Bheil e laghail do dhuine a bhean chur air falbh? ʼs iad ga bhuaireadh.
3Ach esan a freagairt, thuirt e riu: Ciod a dhʼàithn Maois oirbh?
4Thuirt iad: Thug Maois cead litir-dhealachaidh sgriobhadh, ʼsa cur air falbh.
5Thuirt Iosa gam freagairt: ʼS ann air son cruas ur cridhe a sgriobh e dhuibh an reachd so.
6Ach bho thùs a chruthachaidh rinn Dia iad firionn us boirionn.
7Air son so fagaidh duine athair agus a mhathair, us dluth-leanaidh e ri mhnaoi;
8Agus bithidh an dithis ʼnan aon fheoil. As leth sin cha dithis iad a nis, ach aon fheoil.
9An ni ma ta a cheangail Dia, na fuasgladh duine.
10Agus anns an tigh chuir a dheisciopuil ceisd air a rithist muʼn ni chiadna.
11Us thuirt e riu: Co sam bith a chuireas air falbh a bhean, ʼsa phosas té eile, tha e dianamh adhaltrais na h-aghaidh.
12ʼS ma chuireas bean air falbh a fear, ʼs fear eile phosadh, tha i dianamh adhaltrais.
13Agus thug iad clann bheag ga ionnsuidh, los gum beanadh e dhaibh. Us bha na deisciopuil a maoitheadh air an fheadhainn a bha gan toirt.
14Nuair chunnaic Iosa iad, ghabh e gu h-olc e, us thuirt e riu: Leigibh le cloinn bhig tighinn gam ionnsuidhse, agus na bacaibh iad: ʼs gur ann dha ʼn leithidean a bhuineas rioghachd Dhe:
15Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: Co sam bith nach glac rioghachd Dhe mar leanabh beag, nach teid e a stigh innte.
16Us ghlac e ʼna uchd iad, ʼsa cur a lamhan orra, bheannaich e iad.
17ʼS nuair a dhʼfhalbh e mach air a thurus, thainig duine araid ʼna ruith, ʼsa dol air a ghluinean air a bhialaobh, dhʼfharraid e dheth, a g-radh: A Mhaighistir mhath, ciod a ni mi gus a bheatha shiorruidh a chosnadh?
18Us thuirt Iosa ris: Car-son a tha thu cantuinn math riumsa? cha n-eil aon air bith math, ach Dia ʼna aonar.
19Is aithne dhut na faintean: Na dian adhaltras: Na dian marbhadh: Na dian goid: Na tog fianuis bhreige: Na dian mealltaireachd: Thoir onair dha tʼ athair us dha dʼ mhathair.
20Ach esan a freagairt, thuirt e ris: A Mhaighistir, iad sin uile chum mi bho mʼ oige.
21Agus Iosa a g-amharc air, thug e gaol da, us thuirt e ris: Tha aon ni a dhith ort: falbh, reic na bheil agad, agus thoir do na bochdan e, agus bithidh iuntas agad am flathanas; us thig, lean mise.
22Ach bha duilichinn airse as leth an fhacail, us dhʼ fhalbh e gu tuirseach: oir bu duine e aig an robh moran saibhreis.
23Agus Iosa a coimhead mu thimchioll, thuirt e ri dheisciopuil: Nach duilich do dhuine beartach dol a stigh do rioghachd Dhe!
24Us ghabh a dheisciopuil iongantas á bhriathran. Ach Iosa freagairt a rithist, thuirt e riu: A chlann bheag, nach duilich dhaibhse, a chuireas uigh am beartas, dol a stigh do rioghachd Dhe!
25Is fhasa do chamhal dol tromh chrò snathaid, na do dhuine beartach dol a stigh do rioghachd Dhe.
26Us ghabh iad am barrachd ioghnaidh, a g-radh ri cheile: Agus co is urrainn a bhith sabhailte?
27Agus thuirt Iosa, ʼs e g-amharc orra: Tha so do-dhiante do dhaoine, ach cha n-eil do Dhia: oir tha h-uile ni an comas Dhe.
28Agus thòisich Peadar air radh ris: Seall, dhʼfhag sinn a h-uile ni, agus lean sinn thu.
29Us thuirt Iosa, ʼs e freagairt: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: cha n-eil neach air bith a dhʼfhagas tigh, no braithrean, no peathraichean, no athair, no mathair, no clann, no fearann, as mo lethse, agus as leth an t-soisgeil,
30Nach fhaigh a chiad urad a nis san tim so fhein, tighean, agus braithrean, us peathraichean, us mathraichean, us clann, us fearann, am measg gheur-leanmhuinn, agus a bheatha shiorruidh san ath shaoghal.
31Ach tha moran air thoiseach a bhitheas air dheireadh, ʼs air dheireadh a bhitheas air thoiseach.
32Agus bha iad air an rathad a dol suas gu Ierusalem; agus dhʼimich Iosa rompa, us bha ioghnadh orra; us ga leanail bha fiamh orra. Agus ghabh e rithist na dhà-dhiag, agus thòisich e ri innse dhaibh na bha dol a thachairt dha.
33Seall, tha sinn dol suas gu Ierusalem, agus liubhrar Mac an duine do na h-ard-shagairt, ʼs do na Sgriobhaich, ʼs do na seanairean, agus ditidh iad e gu bàs, agus bheir iad seachad do na cinnich e;
34Us ni iad fanaid air, agus caithidh iad smugaidean air, agus sgiursaidh iad e; agus marbhaidh iad e, agus eiridh e air an treas latha.
35Us thainig Seumas agus Eoin, mic Shebede, ga ionnsuidh, a g-radh: A Mhaighistir, is aill leinn gun dian thu dhuinn ni air bith a dhʼ iarras sinn.
36Ach thuirt esan riu: Ciod is aill leibh mi dhianamh dhuibh?
37Us thuirt iad: Deonaich dhuinn gun suidh sinn, fear againn air do laimh dheis ʼs am fear eile air do laimh chli, na dʼ ghloir.
38Us thuirt Iosa riu: Cha n-eil fhios agaibh ciod tha sibh a g-iarraidh: an urrainn duibh a chailis ol, a tha mise dol a dhʼol, no bhith air ur baisteadh leis a bhaisteadh leis am beil mise ri mʼ bhaisteadh?
39Us thuirt iad ris: Is urrainn duinn. Us thuirt Iosa riu: Olaidh sibh gu dearbh a chailis, a tha mise dol a dhʼ ol; agus baistear sibh leis a bhaisteadh leis a bheil mise ri mʼbhaisteadh:
40Ach suidhe air mo laimh dheis, no air mo laimh chli, cha leamsa gu thoirt dhuibh, ach dhaibhse dhaʼn deach uidheamachadh.
41Us nuair a chual an deichnear so, thòisich iad ri bhith diumbach de Sheumas ʼs de Eoin.
42Ach Iosa gan gairm, thuirt e riu: Is aithne dhuibh gum beil acasan, air a bheileas a coimhead mar riaghladairean air na cinnich, ard-thighearnas orra: ʼs gum beil cumhachd aig am prionnsaichean thairis orra.
43Ach cha n-ann mar sin a bhios ʼnur measgsa: ach co sam bith leis am miann a a bhith air thoiseach ʼnur measg, bithidh e ʼna fhear-frithealaidh dhuibh.
44Us co sam bith leis an aill a bhith air thoiseach ʼnur measg, bithidh e ʼna sheirbhiseach agaibh uile.
45Oir cha tainig Mac an duine e fhein los gun diante frithealadh dha, ach gu frithealadh, ʼs gus a bheatha leigeil sios ʼna h-eirig air son morain.
46Agus rainig iad Iericho; ʼs nuair bha esan ʼsa dheisciopuil agus cuideachda ro-mhor a falbh, bhaʼn dall Bartimeus, mac Thimeiuis ʼna shuidhe ri taobh an rathaid, a g-iarraidh deirce.
47ʼS nuair chual e gur e Iosa bho Nasareth a bhʼann, thòisich e ri glaodhach ʼs ri radh: Iosa, a Mhic Dhài, dian trocair orm.
48Us mhaoith moran air, fiach am biodh e samhach. Ach ʼsann bu mhua gu mor a ghlaodh e: A Mhic Dhài, dian trocair orm.
49Agus sheas Iosa, us dhʼ orduich e a ghairm. Agus ghairm iad an dall, a cantuinn ris: Biodh sith inntinne agad: eirich, tha e ga dʼ iarraidh.
50ʼSa tilgeadh bhuaithe fhalluinne, thainig e ʼna leum ga ionnsuidh.
51Agus Iosa a freagairt, thuirt e ris: Ciod is aill leat mi dhianamh dhut? Us thuirt an dall ris: A Rabboni, gum faic mi.
52Us thuirt Iosa ris: Falbh, rinn do chreideamh slan thu. Agus sa cheart uair chunnaic e, us lean e e air an t-slighe.

اکنون انتخاب شده:

N. Marc 10: MacETN

های‌لایت

به اشتراک گذاشتن

کپی

None

می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید