N. Luc 3

3
III. CAIB.
Teagasg Eoin: Criosta air a bhaisteadh leis.
1A nis anns a choigeamh bliadhna diag de dhʼ iompaireachd Thiberiuis César, nuair bha Pontius Pilat ʼna uachdran air Iudéa, us Herod ʼna thetrarc air Galile, us Philip a bhrathair ʼna thetrarc air Iturea agus duthaich Thraconitis, us Lisanias ʼna thetrarc air Abilina,
2Ri linn nan ard-shagart Annas agus Caiphas, thainig facal an Tighearna gu Eoin, mac Shachariais, anns an fhasach.
3Agus thainig e do ʼn duthaich sin uile mun cuairt Iordain, a searmonachadh baisteadh a pheanais air son mathanas pheacannan,
4Mar a tha e sgriobhte an leabhar briathran an fhaidh Isaias: Guth neach a g-eigheach san fhasach: Dianaibh deas slighe an Tighearna: dianaibh direach ʼaisridhean:
5 Lionar a h-uile gleann, agus islichear a h-uile beinn agus cnoc; us nithear na slighean cama direach, agus na rathaidean garbha comhnard;
6 Agus chi a h-uile feoil sabhaladh Dhe.
7Uime sin thuirt e ris a mhor-shluagh a thainig a mach gu bhith air am baisteadh leis: A ghineil nan nathraichean, co dhʼfhiach dhuibhse teicheadh bhoʼn fheirg ri tighinn?
8Thugaibh ma ta mach toradh freagrach do ʼn aithreachas, agus na teannaibh ri radh: Tha Abraham ʼna athair againn. Oir deiream ribh, gum beil Dia comasach air clann a thogail do dhʼ Abraham de na clachan so.
9Oir tha ʼn tuagh cheana air a leagail ri bun nan craobh. A h-uile craobh ma ta nach toir a mach deagh mheas, gearrar sios agus tilgear san teine i.
10Us dhʼfharraid an sluagh dheth, a g-radh: Ciod ma ta ni sinne?
11Agus fhreagair esan, us thuirt e riu: Am fear aig a bheil dà chota, thugadh e do ʼn fhear aig nach eil cota idir; ʼs am fear aig a bheil biadh, dianadh e air an alt chiadna.
12Agus thainig na cis-mhaoir fhein ga ionnsuidh gu bhith air am baisteadh, us thuirt iad ris: A mhaighistir, ciod a ni sinne?
13Agus thuirt e riu: Na dianaibh ni fos cionn na tha air orduchadh dhuibh.
14Agus dhʼfharraid na saighdearan dheth cuideachd, a g-radh: Agus ciod a ni sinne? Us thuirt e riu: Na dianaibh ainneart air aon sam bith, ʼs na dianaibh casaid bhreige; us bithibh toilichte le ʼr paidheadh.
15Agus nuair a bha ʼn sluagh uile am barail, ʼsa smaoineachadh ʼnan cridheachan thaobh Eoin, gum bʼe an Criosta e, ma dhʼ fhaoidte;
16Fhreagair Eoin, a cantuinn riu uile: Tha mise gu dearbh gu ʼr baisteadh le uisge: ach thig nas treasa na mi, dha nach airidh mise air barr-iall a bhrog fhuasgladh: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh ʼs le teine:
17Aig a bheil a ghuit ʼna laimh, us glanaidh e ʼurlar-buailidh, us tionailidh e an cruithneachd gu shabhal, ach loisgidh e am moll le teine nach muchar.
18ʼSa comhairleachadh ioma ni eile, shearmonaich e doʼn t-sluagh.
19Ach Herod an tetrarc, nuair a chronaicheadh e leis air son Herodiais, bean a bhrathar, ʼs air son gach uilc a rinn Herod,
20Rinn e so a bharrachd air gach ni eile, gun a chuir e Eoin am priosan.
21Agus thachair, an deigh doʼn t-sluagh uile a bhith air am baisteadh, us Iosa cuideachd air a bhaisteadh, gun dʼ fhosgladh flathanas, ʼs e ri urnaigh;
22Agus theirinn an Spiorad Naomh air, an riochd corporra mar chalaman; us thainig guth bho neamh: Is tu mo Mhac ionmhuinn, asadsa is mor mo thlachd.
23ʼS bha Iosa faisg air deich bliadhna fichead a dhʼaois, ʼs bʼ e a reir barail dhaoine mac Ioseiph, a bha bho Heli, a bha bho Mhathat,
24A bha bho Lebhi, a bha bho Mhelchi, a bha bho Ianne, a bha bho Ioseph,
25A bha bho Mhathathias, a bha bho Amos, a bha bho Nahum, a bha bho Hesli, a bha bho Nage,
26A bha bho Mhahath, a bha bho Mhathathias, a bha bho Sheinei, a bha bho Ioseph, a bha bho Iuda,
27A bha bho Ioanna, a bha bho Resa, a bha bho Shorobabel, a bha bho Shalathiel, a bha bho Neri,
28A bha bho Mhelchi, a bha bho Addi, a bha bho Chosan, a bha bho Helmadan, a bha bho Her,
29A bha bho Iesus, a bha bho Elieser, a bha bho Iorim, a bha bho Mhathat, a bha bho Lebhi,
30A bha bho Shimeon, a bha bho Iuda, a bha bho Ioseph, a bha bho Iona, a bha bho Eliacim,
31A bha bho Mhelea, a bha bho Mhenna, a bha bho Mhathatha, a bha bho Nathan, a bha bho Dhài,
32A bha bho Iesse, a bha bho Obed, a bha bho Bhoos, a bha bho Shalmon, a bha bho Naason,
33A bha bho Aminadab, a bha bho Aram, a bha bho Esron, a bha bho Phares, a bha bho Iuda,
34A bha bho Iacob, a bha bho Isaac, a bha bho Abraham, a bha bho Thare, a bha bho Nachor,
35A bha bho Sharug, a bha bho Ragau, a bha bho Phaleg, a bha bho Heber, a bha bho Shale,
36A bha bho Chainan, a bha bho Arphacsad, a bha bho Shem, a bha bho Noé, a bha bho Lamech,
37A bha bho Mhathusale, a bha bho Henoch, a bha bho Iared, a bha bho Mhalaleel, a bha bho Chainan,
38A bha bho Henos, a bha bho Sheth, a bha bho Adhamh, a bha bho Dhia.

اکنون انتخاب شده:

N. Luc 3: MacETN

های‌لایت

به اشتراک گذاشتن

کپی

None

می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید