N. Luc 2
2
II. CAIB.
Breith Chriosta: a thairgse san teampull: faisneachd Shimeoin: Criosta, nuair bha e da bhliadhna dhiag a dhʼaois, air fhaighinn san teampull am measg nan ollamh.
1Agus anns na laithean sin thachair, gun deach achd a mach bho Chésar Augustus gus an saoghal uile aireamh.
2Us rinneadh a chiad aireamh so le Cirinus uachdran Shiria.
3Agus chaidh iad uile gu bhith air an aireamh, gach aon gu bhaile fhein.
4Agus chaidh Ioseph cuideachd suas á Galile bho bhaile Nasareth gu Iudéa do bhaile Dhài, dha ʼn ainm Bethlehem, chionn gun robh e de thigh ʼs de theaghlach Dhài,
5Gu bhith air aireamh maille ri Moire, a bha ʼna mnaoi phòsta aige, ʼs i lethtromach.
6Agus thachair, nuair a bha iad an sin, gun do choimhlionadh na laithean gun rachadh a h-aiseadadh.
7Agus rug i a ciad-ghin mic, us shuain i ann an aodach speilidh e, agus chuir i ʼna laidhe ann am prasaich e: chionn nach robh aite dhaibh san tigh-osda.
8Agus anns an duthaich chiadna bha buachaillean a caithris, ʼsa cumail faire-oidhche air an treud.
9Agus, seall, sheas aingeal an Tighearna lamh riu, agus shoillsich solus Dhe mun cuairt daibh, agus ghabh iad eagal mor.
10Us thuirt an t-aingeal riu: Na biodh eagal oirbh: oir, seall, tha mi toirt deagh sgeul a mhor-aoibhneis dhuibh, a bhios doʼn h-uile pobull:
11Oir an diugh rugadh dhuibh Slanair, Criosta an Tighearna, ann am baile Dhài.
12Agus bithidh so ʼna chomharradh dhuibh: Gheobh sibh an leanabh suainte an aodach speilidh, ʼs ʼna laidhe ann am prasaich.
13Agus bha gu h-ealamh comhla ris an aingeal feachd mhor de dhʼarmailt fhlathanais, a moladh Dhe, ʼsa g-radh:
14Gloir do Dhia anns na h-ardaibh, ʼs air talamh sith do luchd na deagh thoil.
15Agus thachair, an deigh do na h-ainglean falbh bhuapa gu neamh, gun tuirt na buachaillean ri cheile: Rachamaid null gu Bethlehem, us faicemid muʼn fhacal, a thʼ air tachairt, a nochd an Tighearna dhuinn.
16Agus thainig iad le cabhaig; ʼs fhuair iad Moire, agus Ioseph, agus an leanabh ʼna laidhe ann am prasaich.
17ʼS nuair a chunnaic iad e, thuig iad mu ʼn fhacal a thuirteadh riu mu dheidhinn an naoidhein so.
18ʼUs ghabh iadsan uile, a chual e, iongantas as na nichean a chaidh a radh riu leis na buachaillean.
19Ach ghleidh Moire na nichean so uile, gam meomhrachadh ʼna cridhe.
20Agus thill na buachaillean, a toirt gloire us molaidh do Dhia, air son nan nichean uilʼ a chual ʼsa chunnaic iad, mar a dhʼinnseadh dhaibh.
21ʼS air do ochd laithean a bhith air an coimhlionadh gus an leanabh a thimchioll-ghearradh, thugadh Iosa mar ainm air, mar thugadh air leis an aingeal, mun do ghineadh sa bhroinn e.
22ʼS an deigh laithean a glanaidh air reir lagh Mhaois a bhith air an coimhlionadh, ghiulain iad e gu Ierusalem, gus a thairgse doʼn Tighearna,
23Mar tha e sgriobhte an lagh an Tighearna: A h-uile leanabh gille, a dhʼfhosglas a bhru, gairmear naomh doʼn Tighearna e;
24Agus gu iobairt a thairgse suas, a reir ʼs mar tha e air a gh-radh an lagh an Tighearna, paidhir thurtur, no dà chalaman oga.
25Us, seall, bha duine ann an Ierusalem, dhaʼm bʼainm Simeon, ʼs bha ʼn duine so ceart agus crabhach, a feitheamh ri sòlas Israil, agus bha ʼn Spiorad Naomh ann.
26Agus bha e air freagairt fhaighinn bho ʼn Spionad Naomh, nach fhaiceadh e bàs, gus am faiceadh e an toiseach Criosta an Tighearna.
27Agus thainig e le iul an Spioraid doʼn teampull. ʼS nuair thug a pharantan a stigh an leanabh Iosa, gu dianamh as a leth air reir cleachdadh an lagha,
28Ghabh esan air a ghairdeanan e, agus bheannaich e Dia, us thuirt e:
29 Tha thu nis, a Thighearna, a leigeil air faibh do sheirbhisich ann an sith air reir tʼfhacail:
30Chionn gum faca mo shuilean do shabhaladh,
31A dhʼ ullaich thu roimh ghnuis nan uile shluagh:
32Solus a shoilleireachadh nan cinneach, agus gloir do phobuill Israel.
33Agus bha athair ʼsa mhathair a gabhail iongantais as na nichean a bhathas a g-radh uime.
34Agus bheannaich Simeon iad, us thuirt e ri Moire a mhathair: Fiach, chuireadh an leanabh so gu sgrios agus gu aiseirigh morain ann an Israel, agus ʼna chuspair a dhʼ aicheadhar.
35Agus sathar claidheamh tromh tʼanam fhein, los smaointean moran chridheachan a shoilleireachadh.
36ʼS bha an sin Anna, ban-fhaidh, nighean Phanueil, de threubh Aseir: bha i so fad air a h-adhart an laithean, agus chaith i seachd bliadhna comhla ri a fear bho a maighdeanas.
37Agus bha i ʼna bantraich gu ruig ceithir fichead us ceithir bliadhna: nach robh dealachadh ris an teampull, a seirbhiseachadh le traisg ʼs le urnaigh a latha ʼsa dhʼ oidhche.
38ʼSa tighinn a stigh sa cheart uair, dhʼaidich i an Tighearna; agus labhair i uime riusan uile aig an robh duil ri saorsainn Israil.
39ʼS nuair choimhlion iad a h-uile ni air reir lagh an Tighearna, thill iad do Ghalile, dha ʼm baile Nasareth.
40Us dhʼfhas an leanabh, agus neartaicheadh e, ʼs e lan de ghliocas; agus bha grasan De ann.
41Agus chleachd a pharantan a h-uile bliadhna dol suas gu Ierusalem aig feill mhor na càsga.
42ʼS nuair a bha e dà bhliadhna dhiag a dhʼaois, chaidh iad suas gu Ierusalem a reir cleachdadh na feille,
43ʼS an deigh dhaibh na laithean a choimhlionadh, nuair bha iad a tilleadh, dhʼ fhan an leanabh Iosa ann an Ierusalem, ʼs cha robh fios aig a pharantan air so.
44Ach a saoilsinn gun robh e sa chuideachda, chaidh iad air an adhart astar latha, agus bha iad ga shireadh am measg an luchd-daimh ʼs an luchd-eolais.
45Agus bho nach dʼ fhuair iad e, thill iad gu Ierusalem ga shireadh.
46ʼS an ceann thri latha, thachair gun dʼ fhuair iad e san teampull, ʼna shuidhe am miadhon nan ollamh gan eisdeachd, ʼsa cur cheisd orra.
47Us ghabh iadsan uile, a bha ga eisdeachd, iongantas ri ghliocas agus ri fhreagairtean.
48Agus ga fhaicinn ghabh iad fior iongantas. Us thuirt a mhathair ris: A Mhic, car-son a rinn thu mar so oirnn? seall, bha tʼ athair agus mise gu muladach ga dʼ shireadh.
49Us thuirt e riu: Car-son a bha sibh ga mʼ shireadhsa? nach robh fios agaibh, gum feum mise a bhith ris na bhuineas dha mʼ Athair?
50Agus cha do thuig iad am facal a thuirt e riu.
51Agus chaidh e sios comhla riu, us thainig e gu Nasareth; agus bha e umhailt dhaibh. Agus ghleidh a mhathair na briathran so uile ʼna cridhe.
52Agus thainig Iosa air adhart an gliocas, ʼs an aois, ʼs an grasan an lathair Dhe agus dhaoine.
اکنون انتخاب شده:
N. Luc 2: MacETN
هایلایت
به اشتراک گذاشتن
کپی

می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017