N. Luc 1

1
I. CHAIB.
Gineamhuinn Eoin Baiste agus Chriosta: turus us duan na h-Oighe beannaichte Moire: breith Eoin agus duan Shachariais.
1Bho na ghabh moran fos laimh na nichean, a choimhlionadh ʼnar measgne, a sgriobhadh sios an ordugh:
2Air reir ʼs mar a dhʼinnseadh dhuinn leis an fheadhainn a bha ann bho thoiseach ʼnam fianuisean ʼs ʼnan luchd-frithealaidh doʼn fhacal:
3Chunnacas iomchuidh leamsa cuideachd, ʼs mi air faotuinn a mach gu dichiollach gach ni bho thoiseach, an sgriobhadh an ordugh dhut, a Theophiluis urramaich,
4Gu fios a bhith agad air firinneachd nam facal sin, anns an deach do theagasg.
5 An laithean Heroid righ Iudéa, bha sagart araid ann, dhaʼm bʼainm Sacharias, de roinn Abia, ʼs bha a bhean de nigheanan Aaroin, agus bʼe a h-ainm Ealasaid.#1.5 I. Luc, 5. De roinn Abia, se sin, de dhriachd Abia; tha ʼm facal so sa Ghreigis air a chur am bichiontas air son obair aon latha: ach san aite so air son cuid seachduine. Oir le riaghladh righ Dài I Par. xxiv., bha sliochd Aaroin air an roinn ʼnan ceithir-thar-fhichead theaghlaichean, ʼs bu le Abia an t-ochdamh teaghlach, bho ʼn tainig Sacharias, a bha aig an àm so ri driachd sagairt: gu ceann a sheachduine.
6Agus bha iad le cheile ionraic an lathair Dhe, a g-imeachd ann an uile fhaintean agus riaghailtean an Tighearna gun ghiomh;
7Agus cha robh mac aca, a chionn gun robh Ealasaid neo-thorrach, ʼs gun robh iad le cheile fad air an adhart an laithean.
8Us thachair, nuair a bha e an ordugh a chuairt fhein a cur driachd sagairt an gniomh an lathair Dhe,
9A reir cleachdadh na sagartachd, gum bʼe chrannchur dol a stigh do thigh an Tighearna, agus tùis a thairgse suas;
10ʼS aig uair na tùise bha co-thional a phobuill uile a g-urnaigh am muigh.
11Agus chunnacas leis aingeal an Tighearna, ʼna sheasamh air taobh deas altair na tùise.
12Agus Sacharias ga fhaicinn bha e fo fhurban, us thainig eagal air.
13Ach thuirt an t-aingeal ris: Na biodh eagal ort, a Shachariais: oir dhʼeisdeadh ri tʼurnaigh; us beiridh do bhean Ealasaid mac dhut, ʼs bheir thu Eoin mar ainm air;
14Agus bithidh e ʼna aobhar sòlais us aighir dhut, agus gabhaidh moran toil-inntinn as a bhreith.
15Oir bithidh e mor an lathair an Tighearna; agus cha n-ol e fion, no deoch laidir, agus lionar e leis an Spiorad Naomh, seadh bho bhroinn a mhathar;
16Us tionndaidhidh e moran de chloinn Israil ris an Tighearna an Dia;
17Agus imichidh e roimhe ann an spiorad ʼs an cumhachd Eliais; gu cridheachan nan aithrichean a thionndadh ris a chloinn, ʼs na neo-chreidich gu gliocas nan ionraic, agus gu pobull coimhlion uidheamachadh doʼn Tighearna.
18Agus thuirt Sacharias ris an aingeal: Ciamar a dhʼ aithneas mi so? oir is seann duine mi, agus tha mo bhean fad air a h-adhart an laithean.
19Fhreagair an t-aingeal us thuirt e ris: Is mise Gabriel, a tha na mʼ sheasamh air bialaobh Dhe; agus chuireadh mi a labhairt riut, ʼsa dhʼinnse naigheachd so an aigh dhut.
20Agus, seall, bithidh tu balbh, agus gun chomas labhairt gus an latha san tachair so, a thaobh ʼs nach do chreid thu mo bhriathransa, a choimhlionar ʼnan àm fhein.
21Agus bha am pobull a feitheamh ri Sacharias; agus bʼiongantach leo ciod a bha ga chumail san teampull cho fada.
22Air dha tighinn a mach cha bʼurrainn da bruidhinn riu, us thuig iad gum faca e sealladh san teampull. ʼS bha e smeideadh riu, agus dhʼ fhan e balbh.
23Agus thachair, nuair thainig laithean a dhriachd gu ceann, gun dʼ fhalbh e gu thigh fhein.
24ʼS an deigh nan laithean sin dhʼfhas a bhean Ealasaid lethtromach, agus dhʼfhalaich i i fhein fad choig miosan, a g-radh:
25A thaobh gur ann mar so a rinn an Tighearna rium anns na laithean air na sheall e orm gus mo mhasladh a thogail dhiom am measg dhaoine.
26ʼS air an t-siathamh mios chuireadh an t-aingeal Gabriel bho Dhia gu baile an Galile dhaʼn ainm Nasareth,
27Gu oigh bha fo cheangal posaidh aig duine, dhaʼm bʼ ainm Ioseph, de thigh Dhài, agus bʼ e ainm na h-oighe Moire.
28ʼS an t-aingeal a dol a stigh ga h-ionnsuidh, thuirt e: Fàilt ort, tha thu lan de na grasan: tha an Tighearna maille riut: Is beannaichte thu am measg nam mna.
29Nuair chuala ise so, bha i fo bhruaidlean thaobh a chainnt, ʼsa smaoineachadh ciod a ghné altachaʼ-bheatha a bhaʼn so.
30Us thuirt an t-aingeal rithe: Na biodh eagal ort, a Mhoire, oir fhuair thu grasan an lathair Dhe:
31Seall, gabhaidh tu na dʼ chom, agus beiridh tu Mac, ʼs bheir thu Iosa mar ainm air.
32Bithidh e mor, agus theirear Mac an Tì is airde ris, ʼs bheir an Tighearna Dia dha cathair Dhài ʼathair; agus righichidh e an tigh Iacoib a chaoidh,
33Agus air a rioghachd cha bhi crioch.
34Us thuirt Moire ris an aingeal: Ciamar a bhios sin, ʼs nach eil aithne agam air duine?
35ʼS an t-aingeal a freagairt, thuirt e rithe: Thig an Spiorad Naomh ort, agus cuiridh cumhachd an Tì is airde sgàile ort. Agus air an aobhar sin an Naomh a bheirear leat, theirear Mac Dhe ris.
36Us, seall, do bhanacharaid Ealasaid, ghin ise cuideachd mac ʼna sean aois; agus se so an siathamh mios dhi-sa, a theirear neo-thorrach rithe:
37Chionn ʼs nach eil facal air bith do-dhiante do Dhia.
38Us thuirt Moire: Seall bean-mhuinntir an Tighearna, biodh e diante dhomh a reir tʼ fhacail. Us dhʼfhalbh an t-aingeal bhuaipe.
39Agus dhʼeirich Moire sna lài sin, agus dhʼ fhalbh i le cabhaig do dhuthaich nam beann gu baile ann an Iuda;
40Agus chaidh i stigh do thigh Shachariais, us chuir i fàilt air Ealasaid.
41Us thachair, cho luath ʼsa chuala Ealasaid fàilt Moire, gun do leum an naoidhean ʼna com; agus lionadh Ealasaid leis an Spiorad Naomh;
42Agus dhʼeigh i le guth ard, us thuirt i: Is beannaichte thu am measg nam mna, agus is beannaichte toradh do bhronn.
43Agus ciamar tha an rath so orm, gun tigeadh mathair mo Thighearna ga mʼ ionnsuidh?
44Oir, seall, cho luath ʼsa thainig guth tʼfhàilte gu mo chluasan, leum an naoidhean le aoibhneas na mʼbhroinn.
45Agus is beannaichte thusa a chreid, a chionn ʼs gun coimhlionar na nichean sin, a chaidh labhairt riut leis an Tighearna.
46Us thuirt Moire: Tha mʼ anam a g-ardachadh an Tighearna:
47Us ghlac mo spiorad aoibhneas ann an Dia mo Shlanair.
48A chionn gun do sheall e air irioslachd a bhan-sheirbhisich: oir, seall, á so suas their a h-uile ginealach beannaichte rium.#1.48 1., 48. beannaichte rium. Tha so ʼna fhaisneachd air an urram, a bheireadh an eaglais anns gach linn doʼn Oigh bheannaichte. Sealladh Protastanaich ciod a chuid a tha acasan san fhaisneachd so.
49A chionn gun dʼ rinn esan a tha cumhachdach nichean mora dhomh; agus is naomh ʼainm.
50Agus bho linn gu linn tha throcair doʼn fheadhainn air a bheil fhiamh.
51Dhʼfhiach e neart ʼna ghairdean: sgap e na h-uaibhrich am pròis an cridhe fhein.
52Thilg e na daoine cumhachdach dhe ʼn cathraichean, agus dhʼardaich e na daoine iriosal.
53Lion e na daoine acrach le nichean matha, ʼs leig e air falbh na daoine saibhir falamh.
54Ghabh e ri Israel a sheirbhiseach, a cuimhneachadh, a throcaire.
55A reir ʼs mar dhʼ innis e dhaʼr n-aithrichean, do Abraham, agus dha shliochd gu siorruidh.
56Us dhʼfhuirich Moire maille rithe mun cuairt do thri miosan, agus thill i gus a tigh fhein.
57Agus choimhlionadh àm aisead Ealasaid, agus rug i mac.
58Us chual a coimhearsnaich ʼsa luchd-daimh, gun dʼfhiach an Tighearn a mhor throcair dhi, agus rinn iad co-aoibhneas maille rithe.
59ʼS air an ochdamh latha thachair, gun tainig iad gus an leanabh a thimchioll-ghearradh, agus bha iad a toirt Sacharias air, ainm athar.
60Ach fhreagair a mhathair, a g-radh: Cha n-e idir, ach bheirear Eoin air.
61Us thuirt iad rithe: Cha n-eil aon dhe dʼ chinneadh air a bheil an t-ainm sin.
62Agus smeid iad air athair, fiach ciod an t-ainm a bʼaill leis a thoirt air.
63Agus dhʼiarr e clar-sgriobhaidh, agus sgriobh e, a g-radh: Se Eoin ʼainm. Agus ghabh iad uile iongantas.
64Agus ghrad-dhʼfhosgladh a bhial, us dhʼfhuasgladh a theanga, agus labhair e, a moladh Dhe.
65Agus thuit eagal air an coimhearsnaich uile; agus sgaoil na briathran so uile feadh bheanntan Iudéa air fad;
66Us iadsan uile, a chual iad, ghleidh iad ʼnan cridhe iad, a g-radh: Co, a shaoileas tu, bhios san leanabh so? oir bha lamh an Tighearna leis.
67Agus lionadh Sacharias ʼathair leis an Spiorad Naomh; agus rinn e faidheadaireachd, a g-radh:
68 Beannaichte gun robh an Tighearna Dia Israil: a chionn ʼs gun do sheall e air a phobull, ʼs gun do shaor e e:
69ʼS gun do thog e adharc shabhalaidh dhuinn an tigh Dhài a sheirbhiseach:
70(A reir ʼs mar a labhair e á bial fhaidhean naomh fhein, a bha ann bho thoiseach:)
71Sabhaladh bhoʼr naimhdean, ʼs bho laimh na feadhnach sin uile, a thug fuath dhuinn:
72Gu trocair fhiachuinn dha ʼr n-aithrichean, ʼsa thiomnadh naomh a chuimhneachadh:
73Am mionn, a mhionnaich e dha ʼr n-athair Abraham, gun deonaicheadh e dhuinn:
74Los, air dhuinn a bhith air ar saoradh bho laimh ar naimhdean, gun dian sinn seirbhis dha gun fhiamh,
75Ann an naomhachd ʼs an ceartas ʼna lathair fad ar laithean gu leir.
76Agus theirear riutsa, a leinibh, faidh an Tì is airde; oir theid thu roi ghnuis an Tighearna gu shlighean a reiteachadh.
77Gu eolas an t-sabhalaidh a thoirt dha phobull, gu mathanas am peacannan:
78Tromh innibh trocair ar Dia, leis an tainig an t-Ur-sholus as na h-ardaibh ga ʼr sealltuinn:
79Gu soilleireachd a thoirt dhaibhse, a tha ʼnan suidhe ann an dorchadas ʼs an dubhar a bhàis, gu iul a dhianamh dhaʼr casan gu slighe na sithe.
80Agus dhʼfhas an leanabh, us neartaicheadh e san spiorad; agus bha e anns an fhasach gu latha fhoillseachaidh do Israel.

اکنون انتخاب شده:

N. Luc 1: MacETN

های‌لایت

به اشتراک گذاشتن

کپی

None

می خواهید نکات برجسته خود را در همه دستگاه های خود ذخیره کنید؟ برای ورودثبت نام کنید یا اگر ثبت نام کرده اید وارد شوید