Gnàth-fhacal 4
4
1Cluinnibh, a chlann, teagasg athar, agus thugaibh an aire, a‑chum gum faigh sibh eòlas air tuigse:
2Oir tha mi a’ toirt dhuibh deagh theagaisg; na trèigibh-se mo reachd.
3Oir bu mhise mac mùirneach m’athar, agus mar aon-ghin mic bha mi ann an sealladh mo mhàthar.
4Theagaisg e mi mar an ceudna, agus thubhairt e rium, Gleidheadh do chridhe mo bhriathran; coimhead m’àitheantan agus mair beò.
5Faigh gliocas; faigh tuigse: na dìochuimhnich, agus na claon o bhriathran mo bheòil.
6Na trèig i, agus gleidhidh i thu: gràdhaich i, agus coimheadaidh i thu.
7Is e gliocas an nì sònraichte; faigh gliocas, agus maille rid uile fhaghail faigh tuigse.
8Ardaich i, agus cuiridh i suas thu; bheir i gu urram thu, nuair a ghabhas tu ad ghlacan i.
9Bheir i dod cheann coron maise: crùn glòire bheir i seachad dhut.
10Eisd, a mhic, agus gabh m’fhacail: agus bidh bliadhnachan do bheatha lìonmhor.
11Ann an slighe a’ ghliocais theagaisg mi thu: threòraich mi thu ann an ceuman dìreach.
12Nuair a dh’imicheas tu, cha teannaichear do cheuman; agus nuair a ruitheas tu, cha tuislich thu.
13Dèan greim daingeann air teagasg; na leig as e; coimhead e, oir is e do bheatha e.
14Na gabh a‑steach do rathad nan aingidh, agus na imich ann an slighe dhroch dhaoine.
15Seachain i, na gabh seachad làimh rithe, till uaipe, agus imich romhad.
16Oir cha chaidil iadsan mura dèan iad olc: agus tha an cadal air a thoirt uapa mura toir iad air cuideigin tuiteam.
17Oir tha iad ag ithe aran na h‑aingidheachd, agus ag òl fìon an ainneirt.
18Ach tha slighe nam fìrean mar an solas dealrach, a dhealraicheas nas mò agus nas mò gu ruig an là iomlan.
19Tha slighe nan aingidh mar dhorchadas: chan aithne dhaibh ciod air a bheil iad a’ tuisleachadh.
20A mhic, dom fhacail thoir aire; rim bhriathran aom do chluas:
21Na imicheadh iad od shùilean: glèidh iad ann am meadhon do chridhe.
22Oir is beatha iad dhaibhsan a gheibh iad, agus ìocshlaint dam feòil uile.
23Leis gach uile dhìcheall glèidh do chridhe; oir as a sin tha sruthan na beatha.
24Cuir uat am beul fiar, agus na bilean beumnach cuir fada uat.
25Sealladh do shùilean gu ceart romhpa, agus seòladh rosgan do shùl gu dìreach romhad.
26Cothromaich ceuman do chas, agus biodh do shlighean uile air an socrachadh.
27Na tionndaidh a‑chum na làimhe deise, no clìthe: caraich do chas on olc.
Currently Selected:
Gnàth-fhacal 4: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017