Gnàth-fhacal 5
5
1A mhic, dom ghliocas thoir an aire; rim thuigse aom do chluas;
2A‑chum gun coimhead thu ciall, agus gun glèidh do bhilean eòlas.
3(Na èisd ri mealltaireachd mnà:) oir mar a’ chìr-mheala silidh bilean mnà coimhich, agus is mìne na ola a beul.
4Ach tha a crìoch searbh mar a’ bhurmaid, geur mar chlaidheamh dà fhaobhair.
5Tha a casan a’ dol sìos a‑chum a’ bhàis: nì a ceuman greim air ifrinn.
6Air eagal gun cothromaicheadh tu slighe na beatha, luaineach tha a ceuman air chor is nach urrainn thu an aithneachadh.
7A‑nis uime sin, a chlann, èisdibh rium, agus na dealaichibh ri briathran mo bheòil.
8Atharraich do shlighe fada uaipe, agus na tig am fagas do dhoras a taighe:
9Air eagal gun toir thu do neart do mhuinntir eile, agus do bhliadhnachan don an‑iochdmhor:
10Air eagal gun lìonar coigrich led shaoibhreas, agus gum bi do shaothair ann an taigh coigrich;
11Agus gun dèan thu caoidh mu dheireadh, nuair a chaithear d’fheòil agus do chorp,
12Agus gun abair thu, Cionnas a thug mi fuath do theagasg, agus a rinn mo chridhe tàir air achmhasan?
13Agus nach robh mi umhail do ghuth mo luchd-teagaisg, agus nach d’aom mi mo chluas riùsan a theagaisg mi?
14Is beag nach robh mi anns gach olc, am meadhon a’ cho-chruinneachaidh, agus a’ choitheanail.
15Ol uisgeachan as do shoitheach fhèin; agus uisgeachan-ruith as do thobar fhèin.
16Biodh do thobraichean air an sgaoileadh a‑mach; do shruthan uisge anns na sràidean.
17Biodh iad agad fhèin a‑mhàin, agus na b’ann aig coigrich maille riut.
18Biodh do thobar beannaichte; agus dèan gàirdeachas maille ri mnaoi-phòsda d’òige.
19Biodh i mar an eilid ghràdhach, agus mar an earba thaitneach; sàsaicheadh a cìochan thu anns gach àm: le a gràdh bi a‑ghnàth air do lìonadh.
20Agus carson, a mhic, a mheallar thu le mnaoi choimhich, agus a dhlùthaicheas tu ri broilleach bana-choigrich?
21Oir fa chomhair sùilean an Tighearna tha slighean an duine, agus tha e a’ cothromachadh a cheuman uile.
22Glacaidh a euceartan fhèin an t‑aingidh, agus le cùird a pheacaidh ceanglar e.
23Bàsaichidh e gun teagasg; agus ann am meud a amaideachd thèid e air seachran.
Currently Selected:
Gnàth-fhacal 5: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017