1
Gnàth-fhacal 4:23
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Leis gach uile dhìcheall glèidh do chridhe; oir as a sin tha sruthan na beatha.
Compare
Explore Gnàth-fhacal 4:23
2
Gnàth-fhacal 4:26
Cothromaich ceuman do chas, agus biodh do shlighean uile air an socrachadh.
Explore Gnàth-fhacal 4:26
3
Gnàth-fhacal 4:24
Cuir uat am beul fiar, agus na bilean beumnach cuir fada uat.
Explore Gnàth-fhacal 4:24
4
Gnàth-fhacal 4:7
Is e gliocas an nì sònraichte; faigh gliocas, agus maille rid uile fhaghail faigh tuigse.
Explore Gnàth-fhacal 4:7
5
Gnàth-fhacal 4:18-19
Ach tha slighe nam fìrean mar an solas dealrach, a dhealraicheas nas mò agus nas mò gu ruig an là iomlan. Tha slighe nan aingidh mar dhorchadas: chan aithne dhaibh ciod air a bheil iad a’ tuisleachadh.
Explore Gnàth-fhacal 4:18-19
6
Gnàth-fhacal 4:6
Na trèig i, agus gleidhidh i thu: gràdhaich i, agus coimheadaidh i thu.
Explore Gnàth-fhacal 4:6
7
Gnàth-fhacal 4:13
Dèan greim daingeann air teagasg; na leig as e; coimhead e, oir is e do bheatha e.
Explore Gnàth-fhacal 4:13
8
Gnàth-fhacal 4:14
Na gabh a‑steach do rathad nan aingidh, agus na imich ann an slighe dhroch dhaoine.
Explore Gnàth-fhacal 4:14
9
Gnàth-fhacal 4:1
Cluinnibh, a chlann, teagasg athar, agus thugaibh an aire, a‑chum gum faigh sibh eòlas air tuigse
Explore Gnàth-fhacal 4:1
Home
Bible
Plans
Videos