1
Gnàth-fhacal 3:5-6
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Earb as an Tighearna led uile chridhe; agus rid thuigse fhèin na biodh do thaic. Ann ad uile shlighean aidich e, agus seòlaidh esan do cheuman.
Compare
Explore Gnàth-fhacal 3:5-6
2
Gnàth-fhacal 3:7
Na bi glic ad shùilean fhèin; biodh eagal an Tighearna ort, agus trèig olc.
Explore Gnàth-fhacal 3:7
3
Gnàth-fhacal 3:9-10
Thoir urram don Tighearna led mhaoin, agus le ciad-thoradh d’uile chinneis: Agus lìonar do shaibhlean le pailteas, agus le fìon nuadh ruithidh d’fhìon-amair thairis.
Explore Gnàth-fhacal 3:9-10
4
Gnàth-fhacal 3:3
Na trèigeadh tròcair agus fìrinn thu: ceangail iad mud mhuineal; sgrìobh iad air clàr do chridhe.
Explore Gnàth-fhacal 3:3
5
Gnàth-fhacal 3:11-12
Air cronachadh an Tighearna, a mhic, na dèan-sa tàir, agus na sgìthich de a smachdachadh. Oir esan as toigh leis an Tighearna smachdaichidh e, mar a smachdaicheas athair am mac anns a bheil a thlachd.
Explore Gnàth-fhacal 3:11-12
6
Gnàth-fhacal 3:1-2
A mhic, na dìochuimhnich mo lagh; ach gleidheadh do chridhe m’àitheantan: Oir làithean buan, agus saoghal fada, agus sìth bheir iad dhut.
Explore Gnàth-fhacal 3:1-2
7
Gnàth-fhacal 3:13-15
Is sona an duine a dh’amaiseas air gliocas, agus am fear a gheibh tuigse: Oir is fheàrr a ceannachd na ceannachd airgid, agus a buannachd na an t‑òr. Is luachmhoire i na na seudan, agus chan eil gach nì as urrainn thu a mhiannachadh rin coimeas rithe.
Explore Gnàth-fhacal 3:13-15
8
Gnàth-fhacal 3:27
Na cùm math on dream don dlighear e, nuair a tha e an comas do làimh a dhèanamh.
Explore Gnàth-fhacal 3:27
9
Gnàth-fhacal 3:19
Le gliocas shuidhich an Tighearna an talamh; le tuigse shònraich e na nèamhan.
Explore Gnàth-fhacal 3:19
Home
Bible
Plans
Videos