A mhic, ma ghabhas tu mo bhriathran-sa, agus ma dh’fhalaicheas tu m’àitheantan maille riut;
Air chor is gun aom thu do chluas ri gliocas, gun leag thu do chridhe air tuigse:
Seadh, ri eòlas ma dh’èigheas tu, ri tuigse ma thogas tu suas do ghuth;
Ma dh’iarras tu i mar airgead, agus ma rannsaicheas tu air a son, mar airson ionmhasan falaichte;
An sin tuigidh tu eagal an Tighearna, agus gheibh thu eòlas Dhè