YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth-fhacal 2

2
1A mhic, ma ghabhas tu mo bhriathran-sa, agus ma dh’fhalaicheas tu m’àitheantan maille riut;
2Air chor is gun aom thu do chluas ri gliocas, gun leag thu do chridhe air tuigse:
3Seadh, ri eòlas ma dh’èigheas tu, ri tuigse ma thogas tu suas do ghuth;
4Ma dh’iarras tu i mar airgead, agus ma rannsaicheas tu air a son, mar airson ionmhasan falaichte;
5An sin tuigidh tu eagal an Tighearna, agus gheibh thu eòlas Dhè:
6Oir bheir an Tighearna gliocas; as a bheul thig eòlas agus tuigse.
7Tha e a’ tasgadh suas gliocais fhallain airson nam fìrean: is sgiath e dhaibhsan a ghluaiseas gu h‑ionraic.
8Tha e a’ coimhead ceuman a’ bhreitheanais, agus a’ dìon slighe a naomh.
9An sin tuigidh tu fìreantachd, agus breitheanas, agus ceartas; seadh, gach uile dheagh shlighe.
10Nuair a thèid gliocas a‑steach ann ad chridhe, agus a bhios eòlas taitneach dod anam,
11Nì ciall do dhìon, coimheadaidh tuigse thu:
12Gud shaoradh o shlighe an droch dhuine; on duine a labhras nithean fiara;
13A dh’fhàgas ceuman an ionracais, a dh’imeachd ann an slighean an dorchadais;
14Leis an aoibhinn an t‑olc a dhèanamh, agus a tha a’ gabhail tlachd ann an aingealtachd nan aingidh.
15Aig a bheil an slighean cam, agus iad a’ claonadh nan ceuman:
16A‑chum do shaoradh on mhnaoi choimhich, on bhanachoigrich a nì miodal le a briathran;
17A thrèigeas oide-ionnsachaidh a h‑òige, agus a dhìochuimhnicheas coicheangal a Dè:
18Oir tha a taigh a’ claonadh a‑chum bàis, agus a ceuman a‑chum nam marbh.
19Cha till duine sam bith a thèid da h‑ionnsaigh, agus a‑rìs chan fhaigh e slighean na beatha.
20A‑chum gun imich thu ann an slighe dhaoine matha, agus gun glèidh thu ceuman nam fìrean.
21Oir gabhaidh na h‑ionracain còmhnaidh anns an tìr, agus fanaidh na daoine foirfe innte.
22Ach gearrar na daoine aingidh bhàrr na talmhainn, agus spìonar luchd-easaontais as.

Currently Selected:

Gnàth-fhacal 2: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in