1
Gnàth-fhacal 1:7-8
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Is e eagal an Tighearna tùs an eòlais: air gliocas agus teagasg nì amadain tàir. A mhic, èisd thusa ri teagasg d’athar, agus na trèig lagh do mhàthar
Compare
Explore Gnàth-fhacal 1:7-8
2
Gnàth-fhacal 1:32-33
Oir marbhaidh claonadh nan daoine baoghalta iad, agus sgriosaidh soirbheachadh nan amadan iad fhèin. Ach ge bè a dh’èisdeas riumsa, gabhaidh e còmhnaidh ann an tèarainteachd, agus bidh e saor o eagal uilc.
Explore Gnàth-fhacal 1:32-33
3
Gnàth-fhacal 1:5
Eisdidh duine glic, agus meudaichidh e fòghlam; agus sealbhaichidh duine tuigseach comhairlean glice
Explore Gnàth-fhacal 1:5
4
Gnàth-fhacal 1:10
A mhic, ma thàlaidheas peacaich thu, na aontaich thusa leo
Explore Gnàth-fhacal 1:10
5
Gnàth-fhacal 1:1-4
A dh’aithneachadh gliocais agus teagaisg, a thuigsinn briathran na tuigse; A ghabhail teagasg a’ ghliocais, a’ cheartais, agus a’ bhreitheanais, agus na còrach; A thoirt gèire dhaibhsan a tha baoghalta, eòlais agus cèill don òganach.
Explore Gnàth-fhacal 1:1-4
6
Gnàth-fhacal 1:28-29
An sin gairmidh iad ormsa, ach cha fhreagair mi; iarraidh iad mi gu moch, ach chan fhaigh iad mi; A chionn gun d’fhuathaich iad eòlas, agus nach do roghnaich iad eagal an Tighearna.
Explore Gnàth-fhacal 1:28-29
Home
Bible
Plans
Videos