Romanaich 6
6
LAOIDH 47
Ròm. 6.1-7
1'S am buanaich sinn gu dàn nar ciont,
bhrìgh saidhbhreis gràsa Chrìosd?
Na leigeadh Dia gum faigh gu bràth
an smuain seo tàmh nar cridh.
2Tràth thugadh sinn do Dhia gu moch,
ri droch‑bheirt chuir sinn cùl;
Is gheall sinn gluasad fad ar làith
mar chruthach#6.2 chruthach chruthachadh àlainn ùr.
3Don pheacadh bhàsaich sinn le Crìosd;
leis dh'èirich sinn on uaigh
Gu beatha naoimh a threòraicheas
gu beatha ghlòrmhoir shuas.
4Seadh, nis cha tràillean sinn nas motha,
do pheacadh no do bhàs:
Oir dh'fhuasgail Crìosd gach cuibhreach dhinn,
is mhill ar n‑uile nàmh.
Currently Selected:
Romanaich 6: LSN1987
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017