Romanaich 3
3
LAOIDH 46
Ròm. 3.19-22
1Cia dìomhain earbsa chloinn nan daoin
à saoth'r an làmha fhèin.
O nàdar truaillidh ceannairceach
cha sruth ach olc 's mì‑bheus.
2Biodh Iùdhaich 's Geintileich na 'n tosd,
gun fhacal às am beul;
'S na dèanadh duin air bith don t‑sluagh
aon uail am fianais Dhè.
3An gràs a nì dhinn fìreanan,
cha toill ar gnìomhan fhèin;
Oir dìtidh 'n Lagh gach duine beò
gu bròn bith‑bhuan is pèin.
4Ìosa! tràth dh'earbas sinn à d' ainm,
cia luachmhor dhuinn do ghràs!
Do ghràs! a bheir dhuinn fìreantachd,
's dar n‑anam dìon gu bràth.
Currently Selected:
Romanaich 3: LSN1987
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017