YouVersion Logo
Search Icon

Romanaich 2

2
LAOIDH 45
Ròm. 2.4-8
1O dhaoine daoi, an dèan sibh tàir
air gràs is foighid Dhia#2.1 Dhia 'Dhè' (ginideach) a bhiodh air a chleachdadh ann an suidheachadh mar seo gu h‑àbhaisteach, ach tha 'Dhia' air a chleachdadh airson co‑fhreagairt ri fuam an fhacal a tha tighinn aig deireadh an earrainn: 'chiall'?
'S an dèan sibh fanaid air a neart?
an gleachd sibh ris, gun chiall?
2A chionn gu bheil a thròcair pailt,
is fhoighidinn cho buan,
Am meudaich sibh ur seacharain,
's am peacaich sibh gach uair?
3A ghin'#2.3 ghin goirid airson 'ginealach' mhì‑thaingeil! nach ro‑mhotha
bu chòir do mhaitheas Dhè,
Do stiùireadh dh'ionnsaigh aithreachais,
's do tharraing thuige fhèin;
4Am feàrr leat corraich chur air Dia,
's an Triath bhith dhut na nàmh,
Is ionmhas feirge thasgaidh suas,
nì truagh thu latha a' bhràth#2.4 latha a' bhràth latha a' bhreitheanais.
5An latha sin 's dlùth, le dhìoghaltas,
's do bhinne nì e teann:
Thig fearg is claoidh ort air gach làimh,
gun neach gud theàrnadh ann.
6Ach iadsan uil thug gèill don Triath,
's a ghluais gu diadhaidh naomh.
Gheibh crùn na beatha mar an duais
bhith‑bhuain, fad saogh'l nan saogh'l.

Currently Selected:

Romanaich 2: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in