Soisgeul Eòin 19
19
LAOIDH 44
Eòin 19.30
1Feuch! Ìosa ceusda air a' chrann!
's a cheann a' lùbadh nuas;
Fhuil chraobhach#19.1 Fhuil chraobhach fhuil a' sruthadh ann an sruthan a bha sgaradh o chèile o gach creuchd a' ruith,
is cruthachd#19.1 cruthachd dreach bàis na ghruaidh.
2“Tha 'n obair crìochnaicht,” – labhair e,
's e tiomn'#19.2 tiomn' tiomnadh a spioraid suas;
Lùb e a cheann 's cha d' dh'fhuiling e
gnè tuilleadh pèin no truaigh.
3“Tha 'n obair crìochnaicht,” – bhàsaich Crìosd
airson a' chinne‑daoin;
Lom‑fhuasgladh thug e dhuinn on bhàs;
o chumhachd Shàtain shaor.
4“Tha 'n obair crìochnaicht,” – sguir a leòn:
le bhròn, le shaoth'r 's le fhuil;
Làn‑cheannsaich e gach uile nàmh,
is chreach e iad gu tur.
5“Tha 'n obair crìochnaicht,” – 's linn an lagh
do linn an t‑Soisgeil ghèill:
Seann nithean chaidh a‑nis air chùl,
's tha 'n saoghal ùr gu lèir.
Currently Selected:
Soisgeul Eòin 19: LSN1987
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017