YouVersion Logo
Search Icon

Soisgeul Eòin 14

14
LAOIDH 42
Eòin 14.1-7
1Uaibh fògraibh eagal 's iomagain cridh
's na biodh ur dòchas fann;
Earbaibh à freasdal Dhè a ghnàth,
's am ghràdh‑sa gach aon àm.
2Gu àros m' Athar tillidh mi,
ann 's lìonmhor ionad tàimh:
'S is deàlrach glòir na rìoghachd sin,
ga lìonadh air gach làimh.
3Mur biodh na nithean seo mar seo,
dhuibh dh'innsinn sin o thùs;
Cha mheallainn sibh le dòchas baoth,
no muinighin fhaoin mun chùis.
4Roimhibh thèid mise chum, nur n‑ainm
gun gabhainn sealbh air nèamh;
'S gun ullaichinn am rìoghachd dhuibh
gu sìorraidh àite tàimh.
5Ach tillidh mi air m' ais a‑rithist,
is bheir mi sibhse leam;
An sin cha dealaich sinn nas motha,
's cha bhi sibh brònach trom.
6A' bheatha, 'n fhìrinn, is an ròd
a threòraicheas gu nèamh.
Is mise sin; 's na leanas mi,
gu sonas bheir mi iad.
LAOIDH 43
Eòin 14.25-28
7 Mo ghuth cha chluinn sibh tuilleadh nis,
ghairm m' Athair mi chum nèimh,
On tig an Cofhurtair gun dàil,
an Spiorad gràsmhor naomh.
8 Nam ainm‑sa cuiridh 'n t‑Athair e,
a dhèanamh dhuibh an iùil;
A thoirt na chuala sibh nur cuimhn,
's a dh'fhoillseachadh gach cùis.
9 Mo shìth mar bheannachd dealachaidh,
's mar dhìleab gheibh sibh 'n tràth s';
Mo shìth bheir dhuibh làn‑chofhurtachd,
nur beatha is nur bàs.
10 A rèir droch nòis#14.4 nòis cleachdadh an t‑saoghail chlaoin,
cha mheall mi sibh gun cheist
Is gealladh gun a choileanadh
cha toir mi dhuibh am feasd.
11 Nad ghealladh, Thriath, nì sinne bun,
rè fad ar turais fhaoin;
'S ar n‑earbsa làidir bidh nad ghràdh,
ri fàgail dhuinn an t‑saogh'l.

Currently Selected:

Soisgeul Eòin 14: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in