YouVersion Logo
Search Icon

Romanaich 8

8
LAOIDH 48
Ròm. 8.31
1Le creideamh 's dòchas fògramaid,
geilt, ciont, is dòrainn uainn;.
'S e Dia ar caraid, 's mòr a threis;
cia 'n t‑eascair bheir oirnn buaidh?
2An Tì thug aon‑mhac air ar son,
mar chobhartach don bhàs;
Nach toir gach tiodhlac eile dhuinn?
's an ceil e oirnn a ghràs?
3Feuch, fhuair sinn anns a' ghibht bu mhotha
làn‑chòir air nithean 's lùgh#8.3 lùgh no lùghadh: a' toirt mionnan, bòid;
Tha Crìosd air nèamh is talamh fòs,
na eàrlas#8.3 eàrlas nì no neach a tha mar gheall airson nì no neach eile air gach àgh#8.3 àgh aoibhneas, sonas.
4Cò nis a chuireas ciont à leth
sluaigh thaghta Dhè nan gràs?
Cò dhìteas iad? no dhiùltas sìth,
o dh'fhuiling Crìosd am bàs?
5Dh'fhuiling e 'm bàs, ach dh'èirich e
gu deas làimh Dhè le buaidh;
'N sin tagraidh e ar cùis gu sìor,
is bheir làn dìon dha shluagh.
6Cò nis ma‑thà a sgaras sinn
o chaidreamh caomh ar Triath?
An sgaoil aon neach an cuibhreach sin
a cheangail sinn rir Dia?
7Ged dh'èirich dragh, 's ged bhagair bàs,
's ged iadh gach nàmh mun cuairt,
Tre Chrìosd bheir sinn gu dùbhlanach,
orr uile tuilleadh 's buaidh.
8Ifrinn no talamh, beath no bàs,
no sàrach ùine buain,
O ghràdh ar Triath cha dealaich sinn,
's cha sgar am feasd sinn uaith.
9Bheir seo dhuinn sonas feadh gach linn,
mar rinn e gus an tràth s';
O shìorraidheachd gu sìorraidheachd
bheir Crìosd dar n‑anman gràdh.

Currently Selected:

Romanaich 8: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in