YouVersion Logo
Search Icon

Laoidhean 32

32
LAOIDH 32
Habac. 3.17,18
1Chaoidh ged nach toir crann fìge blàth,
's nach fàs air fion‑chrann meas;
Saoth'r a' chroinn‑olaidh ged a thréig,
's fàs déis 'gun bhi air slios;
2Gach treud o'n mhainnir ged a bhuail
grad fhuathas 'nuair nach saoil:
Greigh ged nach fàg an t‑Earrach cruaidh,
no bò air uachdar raoin;
3Gidheadh 's an Triath bidh mise ait,
is ni mi uaill 'n a ghràdh;
Mòr aoibhneas ni mi ann am Dhia;
's e Dia mo shlaint' gu bràth.
4Bheir Dia dhomh neart chum ruith gu dian
mar fhiadh air fireach àrd:
Is bheir e mi gu rìogh'chd na glòir',
fa sheòla caomh a ghràis.
5'Se Dia mo stòr, mo bheatha 's m'iùl
o'n tig mo lùth 's mo threis;
Gainne no gort', beatha no bàs,
cha sgar o 'ghràdh mi 'm feasd.

Currently Selected:

Laoidhean 32: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in