YouVersion Logo
Search Icon

Laoidhean 33

33
LAOIDH 33
Mat. 6.9-14
1Athair gach dùil a bhos is shuas!
d'an dual gach diu is glòir;
A'd' làthair striochdaidh sinne sìos,
gu h‑iosal mar is còir.
2T'ainm naomhaichear 's na h‑uile àit,
is aoradh dha gach slògh;
Craobh‑sgaoil do Shoisgeul, 's thoir dha buaidh,
is luathaich rìogh'chd na glòir'.
3Deanadh gach dùil air thalamh bhos
do thoil mar ainglibh nèimh;
Dhi géilleadh iad le cridhe ait
's le giulan macant' sèimh.
4Ar n‑aran làthail deònuich dhuinn,
is cridhe taingeil leis;
Is ciod air bith a's cuibhrionn duinn,
do bheannachd biodh 'na chois.
5Maith dhuinn ar fiacha trom, a Dhé,
a réir mar mhaithear leinn,
D'ar feichnibh fèin an euceartan,
's gach beum a thug iad dhuinn.
6Na leig am buaireadh sinn, a Dhé,
ach gléidh sinn o gach lochd;
Oir rioghachd, cumhachd, agus glòir,
is leat le còir gu beachd.

Currently Selected:

Laoidhean 33: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in