YouVersion Logo
Search Icon

Laoidhean 31

31
LAOIDH 31
Micah 6.6-9
1Cia leis a thig mi 'm fianuis Dhé,
àrd Thriath a' chruinne‑ché!
No ciod an ìobairt bheir mi dha,
chum e bhi ghnàth rium réidh?
2An toilich mìle ìobairt‑loisgt',
le'm boltrach tuis' an Triath?
Deich mìle sruthan olaidh 'n leòr,
's gach ainmhidh beò san t‑sliabh?
3Mur leòr, an gabh e mo cheud‑ghin,
an riochd mo bheatha féin;
Toradh mo chuirp an èiric m'an'm'
chum bhi 's gach àm rium réidh?
4Cha‑n fhoghainn so; is aobhar gràin
le Dia gach cràbhadh saoi;
'N a fhocal leig e ris a rùn,
a stiùradh chloinn nan daoin'.
5O dhuine! so na dh'iarr e ort;
dean ceartas, miannaich iochd;
Gu h‑umhal gluais an làth'r do Dhia,
is dean a riar gu glic.

Currently Selected:

Laoidhean 31: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in