YouVersion Logo
Search Icon

Laoidhean 30

30
LAOIDH 30
Hosea 6.1-4
1Thigibh, is rachamaid gu Dia,
le cridhe tiamhaidh bròin:
Ge d' pheacaich sinn, ni esan iochd
air an'maibh briste leòint'.
2Air 'iarrtus dùisgidh 'n doinionn gharbh,
is fàsaidh balbh a rìs;
Is ged tha 'ghairdean treun gu sgrios,
tha e co treun g'ar dion.
3B' fhada 's bu chian ar n‑oidhche bhròin,
bheir teachd an lò dhuinn gean;
Oir thig ar Dia is fògraidh e
gach dòlas ruinn a lean.
4'N sin gheibh sinn eòlas air a ghràdh
ma thig sinn dhasan dlùth;
Bidh 'ghnùis mar ghréin na maidne gloin',
's a ghuth mar inneal‑ciùil.
5Mar dhrùchd air bhàrr nan luibhean maoth,
's iad air gach taobh fo bhlàth;
No mar na frasan thig a nuas
air fearann cruaidh is fàs;
6Mar sin ni dealradh gnùis ar Dé
ar n‑an'ma aoibhinn ait:
Fògraidh e duibhre 's doilghios uainn,
is ni sinn uaill gun airc.

Currently Selected:

Laoidhean 30: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in