Laoidhean 29
29
LAOIDH 29
Tuir. 3.37-40
1Am measg nan cumhachdach cò 'n ti
a bheir gu crìch na 's àill?
Nach 'eil gach ni sa' chruinne‑ché,
fo ordugh Dhé a mhàin:
2'S esan a ni ar n‑aoibhneas mòr,
no bheir dhuinn bròn fa seach;
'S i 'làmh a dhealbh an solus iùil,
's do dhuibh‑neòil thug an dreach.
3Ciod uim' an gearain duine beò,
'ga leòn fo smachdach' Dhè?
A chum a leas tha Dia 'g a chlaoidh
gu thoirt d'a ionnsuidh féin.
4O dhaoine! rannsaichibh gu geur,
gach ceum d'ur slighe chlaoin;
'S pillibh o 'r seachranaibh gu Dia,
thaobh meud a thròcair chaoin.
Currently Selected:
Laoidhean 29: LSN1987
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017