YouVersion Logo
Search Icon

1 Tesalònianaich 4

4
LAOIDH 53
1 Tesal. 4.13-18
1Biodh misneach aig luchd‑muinntir Chrìosd,
tràth chì iad luchd an gaoil
A' dol gu cadal ann an Ìos',
chan i seo crìoch an sao'il.
2Carson, ma‑thà, bhios sibh ri bròn,
mar dhream gun dòchas mòr;
Am bheil sa bhàs ach teachdair sìth
gan gairm gu rìogh'chd na glòir?
3Mar chaochail Crìosd 's mar dhùisg e suas
le buaidh o staid a' bhàis:
Is amhlaidh dh'èireas fòs a shluagh
le luathghair latha a' bhràth#4.3 latha a' bhràth latha a' bhreitheanais.
4O thig an latha san tùirling#4.4 tùirling teirinn, tig sìos Crìosd,
le h‑iolaich, o na neòil,
Le guth Àrd‑aingil 's fuaim na truimb#4.4 truimb cruth ginideach airson tromb, trombaid,
a chluinn#4.4 chluinn goirid airson chluinneas gach marbh is beò.
5'N sin ath'rraichear an dream tha beò,
's dùisgear na slòigh tha marbh;
Liubhraidh gach uaigh na fhuair i fhèin,
's bidh slèibht air chrith gu garbh.
6Èiridh na naoimh a suas air tùs,
on ùir le h‑aoibhneas mòr;
Nì ainglean Dhè an coinneachadh,
's an togail leotha gu glòir.
7Le chèile thèid iad suas gu h‑ait,
gu taigh an Athar chaoimh,
'S am faigh iad còmhnaidh shìor len Triath,
gun iargain#4.7 iargain bròn is gun chlaoidh.
8Fòs tamall beag, is ruigidh sinn
an caladh ait fa‑dheòidh,
San coinnich sinn na sgaradh uainn,
's cha dealaich sinn nas motha.

Currently Selected:

1 Tesalònianaich 4: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in