Philipianach 2
2
LAOIDH 52
Philip. 2.7-12
1Sibhse tha ainmichte air Crìosd,
leanaibh gu sìor a cheum;
Nur n‑inntinn is nur comhluadar
bithibh cosmhail ris gu lèir.
2Cruth 's coltas Dhè ged bha air Crìosd,
's uil ìomhaigh Rìgh na glòir,
Ged b' ionnan nàdar 's inbhe dhaibh,
co‑ionnan air gach dòigh;
3Gidheadh a mhòrachd chuir e thaobh,
is daonnachd ghabh air fhèin
Chum sinne shaoradh, chuir e sgàil,
rè seal, air àilleachd nèimh.
4Seadh chrom ar Slànaighear a sìos
gu inbhe ìosal tràill;
Strìochd e don bhàs, seadh bàs na ceusd
an ro‑mhòr pèin is nàir.
5Feuch dh'àrdaich Dia, air 'n adhbhar sin
an Triath a shaor a shluagh;
Thug e dha rìoghachd thar gach rìgh,
is ainm thar ainm ra luaidh.
6A‑chum do ainm an Tighearn Ìos'
gun strìochd gach uile ghlùn,
Sna nèamhan shuas, air talamh bhos,
gu h‑urramach 's gu h‑umh'l.
7Seadh strìochdaidh dhàsan mar an ceudn,
is gèillidh ifrinn shìos:
Gach treubh is teanga 's dùil a th' ann,
aidichidh ainm gu sìor.
Currently Selected:
Philipianach 2: LSN1987
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017