YouVersion Logo
Search Icon

2 Corintianach 5

5
LAOIDH 51
2 Cor. 5.1-11
1Grad‑thuitidh 'n corp seo sìos don ùir
na smùr fo chumhachd bàis
Ach gheibh ar n‑anman còmhnaidh 's fheàrr,
gu h‑àrd le Dia nan gràs:
2Gheibh anman naomh an còmhnaidh 'n sin
san taigh a thog dhaibh Dia;
Tràth shaorar iad on phrìosan thruagh,
sa bheil an cuairt rè cian.
3Dar n‑uallach talmhaidh sgìth, mar seo
's tric thairngear osna leinn;
Ach saoraidh 'm bàs gu caomh sinn uaith,
is dhachaidh suas thèid sinn.
4Oir tha ar n‑earbs à taigh as fheàrr,
tràth dh'fhàgas sinn a' chrèadh;
Chan e bhith rùisgt ach sgeadaichte
ri bheil ar dùil 's ar miann.
5Seo dòchas ait nan anman naomh
on Slàn'ear caomh an tràth s',
A thug an Spiorad dhaibh maraon,
mar sheul is eàrlais gràidh.
6Sìor‑ghluaisidh sinn le creideamh beò,
an gealladh glòrmhor Dhia#5.6 'Dhè' (ginideach) a bhiodh air a chleachdadh ann an suidheachadh mar seo gu h‑àbhaisteach, ach tha 'Dhia' air a chleachdadh airson co‑fhreagairt ri fuam an fhacal a tha tighinn dà loidhne air thoiseach: 'Triath';
'S bidh sinn, rè fad ar cuairt sa chorp,
ag osnaich 'n dèidh ar Triath.
7Nas ait ler n‑anman fhaotainn 's fad,
's ro‑fhada leinn e uainn;
Air imrich b' ait leinn dol on fheòil,
's ar còmhnaidh fhaotainn shuas.
8Ach anns a' chorp, no às a' chorp,
an seo no 'n sin gum bi,
Sinn fhèin thoirt suas do sheirbheis Dhè,
's e seo ar miann gu sìor.
9Chum cathair‑bhreitheanais Mhic Dhè,
feuch, thèid gach uile neach;
A dh'fhaotainn pèin no tuarasdail,
mar thoill iad uaith fa seach.
10Breith chothromach neo‑chlaon an sin
gheibh deagh‑ghnìomh agus lochd;
'S bidh cor gach neach gu sìorraidh, rèir
a bheus, mas maith no olc.

Currently Selected:

2 Corintianach 5: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in