YouVersion Logo
Search Icon

1 Timòteus 4

4
LAOIDH 55
1 Tim. 4.5,7,8,18
1Chrìochnaich mi nis mo chath 's mo rèis;
is dlùth dhomh eug is uaigh;
M' anam a choisrig mi do Dhia,
triallaidh gu nèamh le buaidh.
2Le armachd nèamhaidh chuir mi 'n cath,
fo bhrataich Chrìosd mo Thriath:
Ruith mi mo rèis, mo dhìlseachd dhearbh,
's tha m' earbs à duais om Dhia.
3Fa m' chomhair‑sa thaisg Dia air nèamh,
gu tèaruint crùn na glòir;
Chuireas a làmh‑san air mo cheann
air teachd don latha mhòr.
4Mo Dhia cha d' dh'òrdaich dhòmhsa mhàin
an coron#4.4 coron crùn seo mar dhuais;
Ach do gach neach len ionmhainn teachd
a mhic, o nèamh a‑nuas.
5O lochd 's o chunnart dìonaidh Crìosd;
mo choimhead nì gach uair;
'S gu tèaruint m' anam treòraichidh
gu rìogh'chd na glòire shuas
6Bheir mi, le còmhnadh treun mo Thriath,
dùbhlan do ifrinn fhèin;
Is dhàsan gu robh glòir ro‑àrd
is cliù gu bràth. Amen!

Currently Selected:

1 Timòteus 4: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for 1 Timòteus 4