YouVersion Logo
Search Icon

Cholosse 4

4
IV. CAIB.
Tha e moladh buan-urnaigh agus gliocais; ioma fàilt.
1A mhaighistirean, thugaibh dha ʼr seirbhisich na tha ceart agus freagrach, a tuigsinn gum beil maighistir agaibh fhein air neamh.
2Bithibh dian ann an urnaigh, a dianamh faire innte le taingealachd:
3A g-urnaigh air ar son-ne cuideachd, los gum fosgail Dia dorus cainnte dhuinn, gu mistire Chriosta labhairt (air son a bheil mise ann an cuibhrichean),
4Gus an soilleirich mi i anns an t-seol, san tigeadh dhomh labhairt.
5Imichibh le gliocas a thaobh na feadhnach a tha muigh, a deagh-bhuileachadh na h-aimsir.
6Biodh ur comhradh daonnan ciatach, blasda le salunn, los gun tuig sibh ciamar is còir dhuibh a h-uile duine a fhreagairt.
7Air a h-uile ni dha ʼm thaobhsa, bheir Tichicus, ar brathair ro ghradhach, us fear-frithealaidh dileas, agus co-sheirbhiseach anns an Tighearna, brath dhuibh,
8A chuir mi gu ʼr n-ionnsuidh a dhʼ aon ghnothach gu fios a bhith aige air na tha tachairt agaibhse, ʼs gu furtachd a thoirt dha ʼr cridheachan,
9Maille ri Onesimus, brathair ro ghradhach agus dileas, fear dhibh fhein. Air gach ni, a thathas a dianamh an so, bheir iad brath dhuibh.
10Tha Aristarchus, mo cho-phriosanach, a cur bheannachd h-ugaibh, us Marcus mac brathair-mathar Bharnabais, muʼn dʼ fhuair sibh faintean: ma thig e h-ugaibh, gabhaibh ris:
11Agus Iesus, ris an canar Iustus, a tha dhe ʼn timchioll-ghearradh; ʼs iadsan a mhain mo luchd-cuideachaidh a thaobh rioghachd Dhe, ʼsa bha ʼnan sòlas domh.
12Tha Epaphras a cur bheannachd h-ugaibh, fear dhibh fhein, seirbhiseach Iosa Criosta, a tha daonnan curamach as ur leth ʼna urnaighean, gun seas sibh coimhlionta, agus iomlan ann an uile thoil De.
13Oir tha mi toirt teisteanais air, gum beil e gabhail morain de shaothair ribh, agus riusan a tha ann an Laodicéa, agus riusan ann an Hierapolis.
14Tha Luc, an leigh ro ghaolach, a cur bheannachd h-ugaibh, us Demas.
15Cuiribh fàilt air na braithrean a tha an Laodicéa, ʼs air Nimphas, ʼs air an eaglais, a tha ʼna thigh.
16ʼS nuair a leughar an litir so leibh, faicibh gun leughar i cuideachd ann an eaglais muinntir Laodicéa; ʼs gun leugh sibhse litir muinntir Laodicéa.
17ʼS abraibh ri Archippus: Thoir an aire do ʼn fhrithealadh, a fhuair thu san Tighearna, gun coimhlion thu e.
18Beannachd Phoil le mo laimh fhein. Bithibh cuimhneach air mo cheanglaichean, Grasan gun robh maille ribh. Amen.

Currently Selected:

Cholosse 4: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in