I Thessalonica 1
1
I. CHAIBIDEAL.
Tha e toirt taing clo Dhia air son nan gras a thugadh do mhuinntir Thessalonica.
1Pol, agus Silbhanus, agus Timoti, do eaglais muinntir Thessalonica ann an Dia an t-Athair, agus anns an Tighearna Iosa Criosta.
2Grasan gun robh dhuibh agus sith. Tha sinn toirt taing do Dhia daonnan air ur son uile, a cleachdadh cuimhne a dhianamh oirbh ʼnar n-urnaighean gun lasachadh,
3ʼSa cuimhneachadh air obair ur creidimh, ʼs ur saothair, ʼs ur carrantachd, agus seasmhachd nr dochais ʼnar Tighearna Iosa Criosta, an lathair Dhe agus ar n-Athar:
4Agus fios againn, a bhraithrean ionmhuinn le Dia, air ur taghadh:
5Oir cha n-ann am facal a mhain a bha ar soisgeul dhuibh, ach ann an cumhachd, ʼs anns an Spiorad Naomh, am mor lanachd, mar tha fios agaibh ciod e na daoine a bha unnainn ʼnur measg air ur son.
6Agus rinneadh sibh ʼnur luchd-leanmhuinn oirnn, ʼs air an Tighearna, a glacadh an fhacail ann am moran trioblaide, le sòlas an Spioraid Naoimh:
7Air chor ʼs gun robh sibh ʼnur sampuill do na creidich uile ann am Macedonia, ʼs ann an Achaia.
8Oir bhuaibhse sgaoil facal an Tighearna mach, cha n-ann a mhain ann am Macedonia, ʼs ann an Achaia, ach chraobh-sgaoil ur creideamh, a tha ann an Dia, anns gach aite, air chor ʼs nach ruig sinn a leas ni a ghradh.
9Oir tha iad fhein a g-innse mu ʼr deidhinn, ciod a ghné dhol-a-stigh a bhʼ againn gu ʼr n-ionnsuidh, ʼs mar a thionndaidh sibh bho iodholan gu Dia, gus an Dia beo firinneach a sheirbhiseachadh,
10Agus gu duil a bhith agaibh ri Mhac bho fhlathanas (a thog e bho na mairbh), Iosa, a shaor sinn bho ʼn fheirg ri tighinn.
Currently Selected:
I Thessalonica 1: MacETN
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017