I Thessalonica 2
2
II. CAIB.
Treibhdhireachd an ostail ann an teagasg an t-soisgeil dhaibh: ʼs mar a ghabh iad ris.
1Oir is eol duibh fhein, a bhraithrean, nach bu diomhain ar dol-a-stigh gu ʼr n-ionnsuidh:
2Ach air dhuinn fulang roimh sin, ʼsa bhith air ar laimhseachadh gu taireil (mar tha brath agaibh) aig Philippi, bha misneach againn ʼnar Dia gu soisgeul Dhe a labhairt ribh le moran curaim.
3Oir cha robh ar comhairle mearachdach, no neoghlan, no meallta:
4Ach mar a thaitinn sinn ri Dia an rathad ʼs gun deach an soisgeul earbsadh ruinn: mar sin tha sinn a labhairt, cha n-ann mar a toileachadh dhaoine, ach Dhe, a tha dearbhadh ar cridheachan.
5Oir cha do chleachd sinn uair air bith cainnt bhrosgulach, mar tha fios agaibh: ʼs cha do ghabh sinn cothrom air sannt, tha Dia ʼna fhianuis:
6Cha mhua dhʼ iarr sinn gloir bho dhaoine, bhuaibhse, no bho fheadhainn eile,
7Ged a dhʼ fhaodadh sinn a bhith ʼnar n-eallach oirbh, mar ostail Chriosta: ʼsann a bha sinn mar chloinn bhig ʼnur miadhon, mar bhanaltruim a g-eiridneadh a cloinne:
8Cho deidheil bha sinn oirbh, ʼs gun tugadh sinn dhuibh gu toilichte, cha n-e mhain soisgeul De, ach ar n-anman fhein cuideachd: oir bu ro ionmhuinn sibh leinn.
9Oir tha cuimhne agaibh, a bhraithrean, air ar saothair, ʼs air ar sgios, a g-obair a dhʼ oidhche ʼsa latha, air eagal a bhith cur eallaich air aon agaibh, theagaisg sinn ʼnur measg soisgeul De.
10Tha sibh fhein ʼnur fianuisean, agus Dia cuideachd, air cho naomh, ʼs cho ceart, ʼs cho neochiontach, ʼsa bha sinn dhuibhse, a chreid:
11ʼS gur aithne dhuibh, ciamar, a g-achanaich ʼsa furtachadh air gach aon agaibh (mar athair air a chloinn),
12Rinn sinn fianuis dhuibh sibh a ghluasad gu h-airidh air Dia, a ghairm sibh gu rioghachd fhein, agus gu ghloir.
13Uime sin tha sinn toirt taing do Dhia gun lasachadh, a chionn, nuair a ghlac sibh facal eisdeachd Dhe bhuainne, gun do ghlac sibh e, cha n-ann mar fhacal dhaoine, ach (mar a tha e gu fior) mar fhacal De, a tha g-oibreachadh unnaibhse, a chreid.
14Oir rinneadh sibhse, a bhraithrean, ʼnur luchd-leanmhuinn air eaglaisean Dhe, a tha an Iudéa ann an Iosa Criosta: oir dhʼ fhuilig sibhse bho ʼr luchd-ducha na ceart nichean, a dhʼ fhuilig iadsan bho na h-Iudhaich,
15A mharbh an Tighearna Iosa, araon ʼs na faidhean, ʼsa rinn geur-leanmhuinn oirnne, ʼs nach eil taitneach le Dia, ʼsa tha ʼnan naimhdean do dhaoine uile,
16A bacail dhuinne labhairt ris na cinnich, gus iad a bhith sabhailte, gus am peacannan a shior-lionadh suas: oir thainig fearg Dhe orra gus a chrioch.
17Ach air dhuinn, a bhraithrean, a bhith air ar dealachadh bhuaibh car beagan uine, am pearsa, cha n-ann an cridhe, rinn sinn an corr cabhaig le mor dheidh gus ur n-aodann fhaicinn:
18Oir bha toil againn tighinn gu ʼr n-ionnsuidh: bha sin agamsa, Pol, gu dearbh, uair us uair: ach bhac Satan sinn.
19Oir ciod e ar dochas, no ar sòlas, no crùn ar gloire? Nach e sibhse an lathair ar Tighearna Iosa Criosta aig a thighinn?
20Oir is sibhse ar gloir, agus ar sòlas.
Currently Selected:
I Thessalonica 2: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017