YouVersion Logo
Search Icon

I Thessalonica 3

3
III. CAIB.
Curam an ostail de mhuinntir Thessalonica, ʼsa ghaol daibh.
1As leth sin, gun fhaighidin na bʼ fhaide a bhith againn, chunnaic sinn iomchuidh fuireach an Athéne leinn fhein;
2Agus chuir sinn h-ugaibh Timoti, ar brathair, us fear-frithealaidh Dhe ann an soisgeul Chriosta, gus ur neartachadh, agus ur brosnachadh a thaobh ur creidimh;
3Gus nach bi neach air bith air a ghluasad anns na trioblaidean so: oir is aithne dhuibh fhein gur ann h-uige so a dhʼ orduicheadh sinne.
4Oir nuair bha sinn fhathast maille ribh, dhʼ innis sinn dhuibh roimh laimh gum fuiligeadh sinn trioblaidean, ceart mar a thachair, ʼs mar a tha fios agaibh.
5Uime sin, ʼs mi gun chomas cumail orm fhein na bʼ fhaide, chuir mi a dhʼ fhaighinn brath mu ʼr creideamh: eagal ma dhʼ fhaoidte gun do bhuair am buaireadair sibh, ʼs gum biodh ar saothair-ne gun fheum.
6Ach a nis nuair thainig Timoti bhuaibhse h-ugainn, ʼsa dhʼ innis e dhuinn ur creideamh, ʼs ur carrantachd, ʼs gum beil deagh chuimhne agaibh oirnn daonnan, us sibh an deidh air ar faicinn, mar tha sinne cuideachd air ur faicinn-sa:
7As leth sin, a bhraithrean, fhuair sinn furtachd unnaibh sa h-uile càs, agus trioblaid san robh sinn a thaobh ur creidimhse:
8Oir is beatha dhuinne nis, ma ʼs daingeann san Tighearna sibhse.
9Oir ciod am buidheachas is urrainn duinn a thairgse do Dhia air ur son leis an aoibhneas sin uile, leis a bheil sinn sòlasach as ur lethse an lathair ar De,
10A dhʼ oidhche ʼsa latha a g-urnaigh gu ro dhurachdach gum faicemid ur gnuis, ʼs gun dianamaid suas na tha dhith air ur creideamh?
11A nis gum bʼ e Dia fhein us ar n-Athair-ne, agus ar Tighearna Iosa Criosta, a stiuireas ar rathad gu ʼr n-ionnsuidh.
12ʼS gun dian an Tighearna lionor sibh, ʼs gum miadaich e sibh gu pailt ann an carrantachd dha cheile, ʼs do dhaoine uile, mar a tha sinn dhuibhse,
13Gus ur cridheachan a neartachadh gun ghiomh ann an naomhachd, an lathair Dhe agus ar n-Athar, aig tighinn ar Tighearna Iosa Criosta maille ri ʼnaoimh uile. Amen.

Currently Selected:

I Thessalonica 3: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for I Thessalonica 3