I Thessalonica 4
4
IV. CAIB.
Tha e gan comhairleachadh gu geamnachd, agus gu carrantachd dha cheile: aiseirigh nam marbh.
1A bharrachd air so ma ta, a bhraithrean, tha sinn a g-iarraidh ʼsa g-achanaich oirbh anns an Tighearna Iosa, mar a fhuair sibh bhuainne ciamar is còir dhuibh gluasad, agus Dia thoileachadh, gun gluais sibh mar sin, los am barrachd buannachd a bhith agaibh.
2Oir is aithne dhuibh ciod na reachdan a thug mi dhuibh tromh ʼn Tighearna Iosa.
3Oir se so toil De, ur naomhachadh-sa: gun seachainn sibh striopachas,
4Gum bi fios aig gach aon agaibh, a shaghach a ghleidheadh ann an naomhachd, ʼs ann an onair:
5Cha n-ann an togradh na druise, mar na cinnich, a tha aineolach air Dia;
6ʼS gun duine air bith a dhianamh eucoir, no mealltaireachd, air a bhrathair ann an gnothach: oir is diughaltair an Tighearna orra sin uile, mar a dhʼ innis sinn dhuibh roimh so, ʼsa thug sinn fianuis:
7Oir cha do ghairm Dia sinn gu neo-ghloine, ach gu naomhachd.
8Air an aobhar sin esan a tha cur suarach nan nichean so, cha n-e duine, a tha e cur suarach, ach Dia, a thug cuideachd a Spiorad Naomh dhuinn.
9Ach a thaobh na carrantachd braithreil, cha ruig sinn a leas sgriobhadh h-ugaibh: oir dhʼ ionnsuich sibh fhein bho Dhia gaol a thoirt dha cheile.
10Oir gu dearbh tha sibh a dianamh sin do na braithrean uile, a tha ann am Macedonia air fad. Ach tha sinn a guidhe oirbh, a bhraithrean, sibh tuilleadh fhathast a dhianamh,
11ʼS gun dian sibh dichioll gu bhith ann am fois, ʼs gun dian sibh ur gnothach fhein, ʼs gun oibrich sibh le ʼr lamhan fhein, mar a chuir sinn mu ʼr coinneamh; ʼs gun gluais sibh gun chron gan taobh-san a tha muigh; ʼs nach gabh sibh deidh air cuid neach air bith.
12Us cha mhath leinn sibh a bhith aineolach, a bhraithrean, mu ʼn fheadhainn a tha ʼnan cadal, gus nach bi mulad oirbh, cleas na feadhnach eile aig nach eil dochas.
13Oir ma tha sinn a creidsinn, gun dʼ fhuair Iosa bàs, ʼs gun dʼ eirich e rithist, is amhuil cuideachd a bheir Dia iadsan, a chaidil tromh Iosa, maille ris.
14Oir tha sinn a g-radh so ribh ann am facal an Tighearna, nach bi sinne, a tha beo, a bhitheas maireann gu tighinn an Tighearna, rompasan a chaidil.
15Oir thig an Tighearna fhein a nuas à flathanas le ordugh, ʼs le guth an ard-aingil, ʼs le trombaid Dhe; agus eiridh an toiseach na mairbh, a tha ann an Criosta.
16An sin togar sinne, a bhios beo, a dhʼ fhagadh, suas comhla riu gus na neoil an coinneamh Chriosta anns an athar, ʼs mar sin bithidh sinn an comhnuidh maille ris an Tighearna.
17Leis a sin thugaibh furtachd dha cheile leis na briathran so.
Currently Selected:
I Thessalonica 4: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017