I Thessalonica 5
5
V. CAIB.
Thig latha an Tighearna nuair is lugha duil ris: comhairlean mu ioma dleasnas.
1Ach mu na timean ʼs na mionaidean, a bhraithrean, cha n-eil feum agaibh mi sgriobhadh gu ʼr n-ionnsuidh.
2Oir is math is aithne dhuibh fhein, gur ann mar mheirleach san oidhche a thig latha an Tighearna.
3Oir nuair a their iad: Sith agus tiaruinteachd, an sin thig grad sgrios orra, mar shaothair oirre-sa, a tha leth-tromach, ʼs cha bhi dol as aca.
4Ach cha n-eil sibhse, a bhraithrean, ann an dorchadas, air chor ʼs gun glac an latha sin sibh mar mheirleach:
5Oir is clann an t-soluis sibhse uile, agus clann an latha; cha n-ann dhe ʼn oidhche, no dhe ʼn dorchadas sinn.
6Leis a sin na caidlemid mar chàch, ach dianamaid caithris, us bithemid measarra.
7Oir iadsan a chaidleas, ʼsann san oidhche a tha iad a cadal; us iadsan a tha air mhisg, ʼsann san oidhche a tha iad air mhisg.
8Ach sinne a tha dhe ʼn latha, bithemid stuama, a cur oirnn uchd-eideadh a chreidimh ʼs na carrantachd, agus clogaid dochas an t-sabhalaidh:
9Oir cha dʼ orduich Dia feinn gu feirg, ach gu sabhaladh a chosnadh tromh ar Tighearna Iosa Criosta,
10A fhuair bàs air ar son, a los, co-dhiu bhios sinn ri caithris, no ʼnar cadal, gum bi sinn beo maille ris.
11Air an aobhar sin furtaichibh air a cheile; us thugaibh deagh shamhla dha cheile, mar a tha sibh a dianamh.
12ʼS tha sinn a guidhe oirbh, a bhraithre, meas a bhith agaibh orrasan, a tha ri saothair ʼnur measg, agus a tha thairis oirbh anns an Tighearna, agus gu ʼr comhairleachadh,
13Los gum bi am barrachd meas agaibh orra ann an carrantachd air sgath an oibre: biodh sith agaibh riu.
14Agus tha sinn a guidhe oirbh, a bhraithrean, cronaichibh luchd-buaireis, thugaibh misneach do ʼn lag-inntinneach, dianaibh taic ris an anfhann, bithibh faighidneach ri daoine uile.
15Fiachaibh nach diol neach olc an aghaidh an uilc do dhuine air bith: ach daonnan cleachdaibh an ni tha math dha cheile, ʼs do dhaoine uile.
16Bithibh aoibhneach an comhnuidh.
17Bithibh ri urnaigh gun lasachadh.
18Thugaibh taing anns gach ni: oir se so toil De ann an Iosa Criosta dha ʼr taobh uile.
19Na mùchaibh an Spiorad.
20Na dianaibh diù de dhʼ fhaisneachd.
21Cnuasaichibh a h-uile ni: glacaibh an ni tha math.
22Gleidhibh sibh fhein bho ʼn h-uile seorsa de dhʼ olc;
23ʼS gum bʼ e Dia na sithe a naomhaicheas sibh tromh gach ni, gus ur spiorad gu h-iomlan, ʼs ur n-anam, agus ur coluinn, a bhith air an gleidheadh gun smal gu tighinn ar Tighearna Iosa Criosta.
24Tha esan a ghairm sibh dileas; agus ni e sin mar an ciadna.
25A bhraithrean, guidhibh air ar son-ne.
26Cuiribh fàilt air na braithrean uile le poig naoimh.
27Tha mi guidhe oirbh tromh ʼn Tighearna, gun leughar an litir so do na braithrean naomh uile.
28Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ribh. Amen.
Currently Selected:
I Thessalonica 5: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017