YouVersion Logo
Search Icon

II Thessalonica 1

1
I. CHAIB.
Tha e toirt iaing do Dhia air son an creidimh ʼs an steidhealachd: ʼsa guidhe gun rachadh iad air an adhart sa h-uile mathas.
1Pol, agus Silbhanus, agus Timoti, do eaglais muinntir Thessalonica ann an Dia ar n-Athair, agus san Tighearna Iosa Criosta.
2Grasan gun robh dhuibh, agus sith bho Dhia ar n-Athair, ʼs bho ʼn Tighearna Iosa Criosta.
3Tha mar fhiachan oirnn, a bhraithrean, taing a thoirt do Dhia daonnan air ur son, mar a tha iomchuidh, a chionn gum beil ur creideamh a cinntinn gu h-anabarrach, ʼs gum beil carrantachd lan-phailt aig gach aon agaibh dha cheile:
4Air chor ʼs gum beil sinn fhein a gabhail uaill asaibh ann an eaglaisean Dhe, as leth ur faighidin, agus ur creidimh, agus ur geur-leanmhuinnean uile, agus ur cruaidh-chàsan, a tha sibh a fulang,
5Mar shamplair air ceart-bhreitheanas De, los gum measar gur airidh sibh air rioghachd Dhe, air son a bheil sibh a fulang:
6Oir tha e ceart do Dhia diughaltas a dhianamh orrasan, a tha gu ʼr leireadh:
7Us fois a thoirt dhuibhse, a tha air ur leireadh, maille ruinne aig foillseachadh an Tighearna Iosa bho neamh maille ri ainglean a chumhachd,
8Ann an lasair theine, a ni diughaltas orrasan, dha nach aithne Dia, ʼs nach eil umhailt do shoisgeul ar Tighearna Iosa Criosta:
9A dhʼ fhuiligeas pian shiorruidh ann an leir-sgrios bho ghnuis an Tighearna, ʼs bho ghloir a chumhachd.
10Nuair thig e gu bhith air a ghlorachadh ʼna naoimh, ʼsa bhith ʼna aobhar ioghnaidh unntasan uile a chreid, a chionn gun deach ar teisteanas-ne a chreidsinn leibhse mu ʼn latha ud.
11A thaobh sin cuideachd tha sinn a g-urnaigh daonnan air ur son, gun deonaich ar Dia-ne sibhse dhianamh toillteanach air a ghairm, ʼs gun coimhlion e uile thoil a mhathais, agus obair a chreidimh ann an cumhachd,
12Gu ainm ar Tighearna Iosa Criosta a bhith air a ghlorachadh unnaibh, agus sibhse annsan, a reir grasan ar Dia-ne, agus an Tighearna Iosa Criosta.

Currently Selected:

II Thessalonica 1: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in