YouVersion Logo
Search Icon

II Thessalonica 2

2
II. CAIB.
Cha tig latha an Tighearna gus an nochdar duine a pheacaidh: tha bial-aithrisean nan ostal ri ʼn cumail.
1Agus tha sinn a guidhe oirbh, a bhraithrean, as leth tighinn ar Tighearna Iosa Criosta, agus ar co-chruinneachaidh ga ionnsuidh,
2Gun sibh a bhith gu h-ealamh air ur gluasad bho ʼr beachd, no fo gheilt, biodh e le spiorad, no biodh e le facal, no le litir mar air a cur bhuainne, mar gum biodh latha an Tighearna aig laimh.
3Na mealladh neach air bith sibh an doigh sa bith: oir mur tig bristeadh-a-mach an toiseach, ʼs mur nochdar duine a pheacaidh, mac an sgriosa,
4A tha cath an aghaidh ʼs ga ardachadh fhein fos cionn a h-uile ni, ris an canar Dia, no dha ʼn toirear aoradh, air chor ʼs gun suidh e ann an teampull Dhe, ga fhiachuinn fhein mar gum bu Dia e.
5Nach eil cuimhne agaibh gun dʼ innis mi so dhuibh, nuair bha mi maille ribh?
6ʼS tha fios agaibh a nis ciod a tha bacail e bhith air a thaisbeanadh ʼna àm fhein.
7Oir tha mistire an uilc a g-oibreachadh a cheana: ach a mhain gun cum esan a tha cumail, gus an toirear as an rathad e.
8Agus an sin nochdar an droch-aon, a mharbhas an Tighearna Iosa le spiorad a bheoil, agus le dearrsadh a thighinn sgriosaidh e e,
9Aig a bheil a thighinn a reir oibreachadh shatain, anns a h-uile cumhachd, agus ann an comharran, agus am feartan-breige,
10Us anns a h-uile claonadh de dhrochbheart dhaibh-san, a tha dol a dhith: a chionn nach do ghabh iad gaol air an fhirinn, gus iad a bhith sabhailte. Air son so cuiridh Dia ga ʼn ionnsuidh oibrichean a mhearrachd, gus iad a bhriag a chreidsinn,
11Gus iadsan uile a bhith air an diteadh, nach do chreid an fhirinn, ach a dhʼ aontaich do ʼn eucoir.
12Ach is còir dhuinne daonnan taing a thoirt do Dhia air ur sonsa, a bhraithrean ionmhuinn le Dia, a chionn gun do thagh Dia sibh ʼnur ciad thoradh gu sabhaladh ann an naomhachadh an spioraid, ʼs ann an creideamh na firinn:
13A dhʼ ionnsuidh na ghairm e sibh leis an t-soisgeul againne, gu ruighinn air gloir ar Tighearna Iosa Criosta.
14Uime sin, abhraithrean, seasaibh gu daingeann; agus cumaibh na bial-aithrisean, a dhʼ ionnsuich sibh, co-dhiu ʼsann leis an teagasg, no leis an litir againne.#2.14 II. 14. bial-aithrisean Faicibh an so gu bheil bial-aithrisean nan ostal, nach deach a sgriobhadh, ri ʼn gabhail a cheart cho math ri ʼn litrichean.
15A nis gum bʼ e an Tighearna Iosa Criosta, agus Dia ʼs ar n-Athair, a ghradhaich sinn, ʼsa thug sòlas bith-bhuan dhuinn, agus deagh dhochas ann an gras,
16A bhrosnaicheas ur cridheachan, ʼsa dhaingnicheas sibh, anns a h-uile gniomh, agus facal math.

Currently Selected:

II Thessalonica 2: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for II Thessalonica 2