YouVersion Logo
Search Icon

II Thessalonica 3

3
III. CAIB.
Tha e g-iarraidh an urnaighean, ʼs ga ʼn earalachadh an aghaidh diomhanais.
1A bharrachd air so, guidhibh air ar son-ne, a bhraithrean, gu facal De a ruith, ʼsa bhith air a ghlorachadh, amhuil mar a tha e ʼnur measgsa,
2Gus sinne bhith air ar saoradh bho dhaoine draghail agus olca: oir cha n-eil creideamh aig daoine uile.
3Ach tha Dia dileas, a dhaingnicheas, agus a dhionas sibh bho olc.
4ʼS tha sinn a g-earbsa asaibh anns an Tighearna, gum beil sibh a dianamh nan nichean a dhʼ àithn sinn oirbh, agus gun dian.
5ʼS gun stiuir an Tighearna ur cridhe an carrantachd Dhe, ʼs am faighidin Chriosta.
6Agus tha sinn a sparradh oirbh, a bhraithrean, an ainm ar Tighearna Iosa Criosta, gun dealaich sibh ris a h-uile brathair, a tha gabhail roimhe gu mi-riaghailteach, agus nach ann a reir a bhial-aithris, a fhuair iad bhuainne.
7Oir is aithne dhuibh fhein ciamar is còir dhuibh sinne a leanailt: oir cha robh sinn mi-riaghailteach ʼnur measg:
8Cha mhua dhʼ ith sinn aran duine air bith a nasgaidh, ach le obair ʼs le sgios chuir sinn ri saothair, a dhʼ oidhche ʼsa latha, eagal costus a chur air duine agaibh.
9Cha n-e nach robh comas againn, ach gus sinn fhein a thoirt ʼnar samhla dhuibhse, los ar leantuinn.
10Oir nuair a bha sinn maille ribh, sparr sinn so oirbh, mur math le duine oibreachadh, na itheadh e.
11Oir chuala sinn gum beil cuid ʼnur measg, a tha mi-riaghailteach ʼnan dol-a-mach, gun a bhith ri obair sa bith, ach a buntuinn gu neònach ri gnothaichean dhaoine eile.
12A nis tha sinn a sparradh air a leithid de dhʼ fheadhainn, ʼsa griosad orra tromh ʼn Tighearna Iosa Criosta, iad a chur ri obair le sith, ʼs an aran fhein ithe.
13Ach sibhse, a bhraithrean, na gabhaibh sgios de mhath a dhianamh.
14Agus ma tha duine sa bith ann, nach eil umhailt dha ʼr facal-ne san litir so, comharraichibh an duine sin, ʼs na cumaibh cuideachda ris, los gum bi e air a narachadh:
15A dhʼ aindeoin sin na measaibh e mar namhaid, ach comhairlichibh e mar bhrathair.
16A nis gum bʼ e Tighearna na sithe e fhein, a bheir sith bhith-bhuan dhuibh anns gach aite. Gum bʼ e an Tighearna a bhios maille ribh uile.
17Beannachd Phoil le mo laimh fhein: se sin an seul anns a h-uile litir; so mar tha mi sgriobhadh.
18Grasan ar Tighearna Iosa Criosta gun robh maille ribh uile. Amen.

Currently Selected:

II Thessalonica 3: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for II Thessalonica 3