I Thimoti 1
1
I. CHAIBIDEAL.
Tha e cur Thimoti an cuimhne air a dhriachd: ʼsa toirt taing do Dhia air son an iochd a dhʼ fhiach e dha fhein.
1Pol, ostal Iosa Criosta, a reir fainte Dhe ar Slanair, agus Iosa Criosta ar dochas,
2Gu Timoti, a mhac gradhach sa chreideamh. Grasan, trocair, agus sith bho Dhia an t-Athair, ʼs bho Iosa Criosta ar Tighearna.
3Mar a dhʼ iarr mi ort fuireach an Ephesus, nuair a chaidh mi do Mhacedonia, los gun sparradh tu air cuid de dhʼ fheadhainn, gun iad a bhith teagasg air chaochla doigh,
4ʼS gun iad a bhith toirt feairt air sgialachdan, ʼs air sloinntearachd gun cheann: nichean is dòcha ceisdean a thogail, na oileanachadh diadhaidh, a tha sa chreideamh.
5A nis se is crioch do ʼn fhainte carrantachd bho chridhe glan, ʼs bho dheagh chogais, agus bho chreideamh gun fhoill.
6Bho bheil cuid air dol air seachran, ʼs air tionndadh a leth-taobh gu faoin-labhairt,
7A sireadh gu bhith ʼnan luchd-teagaisg an lagha, gun a bhith tuigsinn ciod a tha iad a g-radh, no ciod a tha iad a cur an ceill.
8Ach is aithne dhuinne gum beil an lagh math, ma tha neach a toirt deagh bhuil as:
9A tuigsinn so, nach deach anlagh athoirt seachad air son an duine cheart, ach air son dhaoine eucorach agus as-umhailt, air son dhaoine mi-dhiadhaidh agus peacach, air son dhaoine aingidh us neoghlan, air son mhurtairean aithrichean, us mhurtairean mhathraichean, agus mhurtairean eile,
10Air son luchd-diolanais, air son feadhnach a tha gan truailleadh fhein ri firionnaich, air son luchd-goid dhaoine, air son bhriagadairean, air son luchd-mhionnan-eithich, ʼs air son gach ni eile, a tha an aghaidh teagaisg fhallain,
11A tha a reir soisgeul gloir an De bheannaichte, a chaidh earbsa riumsa.
12Tha mi toirt taing dha-san a neartaich mi, seadh do Iosa Criosta ar Tighearna, a chionn gun do mheas e mi dileas le mo chur san fhrithealadh so:
13A bha roimh so am fhear blaisbheum, geur-leanmhuinn, agus taireil: ach rainig mi air trocair Dhe: a chionn gun dʼ rinn mi so gu h-aineolach ann am mi-chreideamh.
14A nis chinn grasan an Tighearna gu ro-phailt leis a chreideamh ʼsa ghradh, a tha ann an Iosa Criosta.
15Is facal firinneach so, is fhiach a chreidsinn le uile dhaoine: gun tainig Iosa Criosta thuu an t-saoghail so gu peacaich a shabhaladh, agus is mise an ceann-feadhna:
16Ach ʼsann air son so a rainig mi air trocair, gu Iosa Criosta a dhʼ fhiachuinn a h-uile faighidin unnamsa an toiseach, los soilleireachadh a thoirt dhaibh a chreideas ann gu beatha shiorruidh.
17A nis do righ nan linn, neo-bhàsmhor, neo-fhaicinneach, an t-aon Dia, gun robh onair agus gloir a chaoidh nan caoidh. Amen.
18An fhainte so tha mi g-earalachadh ort, a Thimoti, a mhic, a reir nam faisneachd roimh so as do leth, gun cath thu unnta deagh chath,
19Le creideamh a bhith agad, agus deagh chogais, a thilg cuid bhuapa ann an rathad ʼs gun dʼ eirich dhaibh long-bhristeadh a thaobh creidimh:
20Dhiu sin tha Hemenéus, us Alastair, iadsan liubhair mise do shatan, gus iad a dhʼ ionnsachadh gun a bhith ri blaisbheum.
Currently Selected:
I Thimoti 1: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017