YouVersion Logo
Search Icon

I Thimoti 2

2
II. CAIB.
Tha urnaigh ri cur suas air son dhaoine uile, a chionn gur e toil Dhe daoinc uile a bhith sabhailte: cha chòir do bhoirionnaich a bhith teagasg.
1Tha mi g-achanaich romh gach ni, gun rachadh achanaichean, urnaighean, eadar-ghuidhe, agus breith-buidheachas a thairg so suas air son dhaoine uile,
2Air son righrean, us iadsan uile a tha an ard-inbhe, air chor ʼs gun caith sinn ar beatha le samhchair, ʼs le sith, anns a h-uile diadhachd agus geamnachd:
3Oir tha so math agus taitneach an lathair Dhe ar Slanair,
4Aig a bheil toil daoine uile a bhith sabhailte, ʼsa thighinn gu eolas air an fhirinn.
5Oir tha aon Dia ann, agus aon eadar-mhiadhonair eadar Dia agus daoine, an duine Iosa Criosta,#2.5 II. 5. aon eadar-mhiadhonair Se Criosta, agus esan a mhain, aon eadar-mhiadhonair na saorsa, a thug e fhein seachad, mar a thà an t-Ostal a sgriobhadh san rann a leanas, na èirig air son dhaoine uile. Se cuideachd an t-aon eadar-mhiadhonair aig nach eil feum air aon eile gu eisdeachd fhaighinn dha ʼiarratasan bho ʼn Athair. Ach cha n-eil so idir dol eadar sinn agus a bhith g-iarraidh urnaighean agus eadar-ghuidhe nan creideach air talamh, no nan naomh ʼs nan aingeal air neamh, a dhʼ fhaighinn trocaire, grasan, agus sabhalaidh as leth Iosa Criosta. Ceart mar dhʼ iarr N. Pol fhein gu tric cuideachadh urnaighean nan creideach, gun sin a bhith ʼna bheud air bith do eadar-mhiadhon Iosa Criosta.
6A thug e fhein seachad ʼna eirig air son dhaoine uile, ʼna theisteanas ann an àm iomchuidh:
7H-uige so tha mise air mʼ orduchadh na mʼ shearmonaiche, ʼs na mʼ ostal (tha mi labhairt na firinn, ʼs cha bhriag), fear-teagaisg nan cinneach an creideamh, ʼs am firinn.
8ʼS aill leam ma ta daoine a dhianamh urnaigh ʼs gach aite, a togail suas lamhan glana gun ghamhlas, gun chonsachadh.
9Na boirionnaich mar an ciadna, ann an uidheam dhealbhaich, gan sgeadachadh fhein le modhalachd, ʼs le stuaime, cha n-ann le falt ʼna dhuail, no le òr, no le leugan, no le eideadh luachor:
10Ach, mar a thig do bhoirionnaich, a cleachdadh diadhachd, le deagh oibrichean.
11Ionnsuicheadh am boirionnach ann an tosdachd leis a h-uile umhailteas.
12Cha n-eil mi leigeil le boirionnach a bhith teagasg, no uachdranachd a ghabhail air an duine, ach a bhith ʼna tosd.
13Oir chruthaicheadh Adhamh an toiseach, ʼs an sin Eubha.
14Agus cha n-e Adhamh a mhealladh: ach si am boirionnach, ʼs i air a mealladh, a bha sa choire.
15A dhʼ aindeoin sin sabhalar i tromh bhreith cloinne, ma bhuan-leanas i ri creideamh, ʼs ri gradh, ʼs ri naomhachd le stuaime.

Currently Selected:

I Thimoti 2: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in