I Thimoti 3
3
III. CAIB.
An seorsa dhaoine a tha freagrach gu bhith ʼsa chleir: si an eaglais carragh na Jirinne.
1Is facal firinneach so: Ma tha deidh aig duine sa bith air driachd easbuig, tha a dheidh air obair mhath.
2Is còir do easbuig ma ta a bhith gun ghiomh, ʼna fhear aona mhna, measarra, glic, deagh bheusach, geamnaidh, fialaidh, ʼna fhear-teagaisg,
3Gun a bhith ʼna phoitear-fiona, no ʼna fhear-bhuillean, ach modhail, neo-chonspaideach, gun sannt, ach,
4ʼNa fhear a riaghlas gu math a thigh fhein, a cumail a chloinne fo smachd leis a h-uile geamnachd.
5Achmur aithnedo dhuine a thigh fhein a rian, ciamar a bheir e an aire air eaglais Dhe?
6Cha n-ann ʼna ùr-chreideach: air eagal, a g-at le prois, gun tuit e fo bhreitheanas an aibhistir.
7Cha n-fhuilear dha cuideachd deagh theisteanas a bhith aige bho ʼn fheadhainn a tha muigh, air eagal gun tuit e fo thaire, ʼs an ribe an deomhain.
8Biodh na deaconan mar an ciadna geamnaidh, gun teanga dhubailte, gun a bhith titheach air moran fiona, no gionach gu buannachd shalaich:
9A cumail mistire a chreidimh an cogais ghlain.
10Agus biodh iad sin cuideachd air an dearbhadh an toiseach; ʼs an sin frithealadh iad, gun aon choire fuaighte riu.
11Mar an ciadna biodh na boirionnaich banail, cha n-ann ri cul-chàineadh, ach stuama, dileas anns a h-uile ni.
12Biodh na deaconan ʼnam fir aona mhna: a riaghladh gu math an cloinne, ʼs an tighean fhein.
13Oir iadsan a fhritheil gu math, coisnidh iad dhaibh fhein deagh inbhe, agus mor earbsa anns a chreideamh, a tha ann an Iosa Criosta.
14Tha mi sgriobhadh so h-ugad ann an dochas tighinn ga dʼ choimhead gu h-aithghearr.
15Ach ma dhʼ fhanas mi fada, gu fios a bhith agad ciamar is còir dhut thu fhein a ghiulan ann an tigh an De bheo, se sin eaglais an De bheo, steidh agus carragh na firinne.#3.15 III. 15. steidh agus carragh na firinne. Le sin cha n-urrainn do eaglais an De bheo a chaoidh mearachd, no truailleachd, no saobh-chrabhadh, no iodhol-aoradh a thoirt a stigh.
16Agus gu beachd is mor mistire na diadhachd, a thaisbeanadh san fheoil, a naomhaicheadh san spiorad, a nochdadh do ainglean, a theagaisgeadh do na cinnich, a chreideadh san t-saoghal, a thogadh gu gloir.
Currently Selected:
I Thimoti 3: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017