ʼS aill leam ma ta daoine a dhianamh urnaigh ʼs gach aite, a togail suas lamhan glana gun ghamhlas, gun chonsachadh.
Na boirionnaich mar an ciadna, ann an uidheam dhealbhaich, gan sgeadachadh fhein le modhalachd, ʼs le stuaime, cha n-ann le falt ʼna dhuail, no le òr, no le leugan, no le eideadh luachor:
Ach, mar a thig do bhoirionnaich, a cleachdadh diadhachd, le deagh oibrichean.