YouVersion Logo
Search Icon

Cholosse 3

3
III. CAIB.
Tha e gan comhairleachadh an seann duine a chur dhiu, ʼs an duine ùr a chur orra: dleasnasan bhan, us fhear, cloinne, us sheirbhiseach.
1Uime sin ma dhʼ eirich sibh maille ri Criosta, iarraibh na nichean a tha shuas, far a bheil Criosta ʼna shuidhe air deas laimh Dhe;
2Biodh ur n-aire air na nichean a tha shuas, cha n-ann air na nichean a tha air talamh.
3Oir tha sibh marbh, ʼs tha ur beatha air a falach maille ri Criosta ann an Dia.
4Nuair a chithear Criosta, ur beatha, an sin chithear sibhse maille ris ann an gloir.
5Claoidhibh mata ur buill a tha air talamh: striopachas, neo-ghloine, mi-gheamnachd, ana-miannan, us sannt, ni is iodhol-aoradh:
6As an leth so tha fearg Dhe a tighinn air cloinn a mhi-chreidimh;
7Agus anns an do ghluais sibhse air uair, nuair chaith sibh ur beatha unnta.
8Ach a nis cuiribh air chul a h-uile ni: fearg, anntlachd, gò, blaisbheum, cainnt dhrabasda a mach as ur bial.
9Na dianaibh briag dha cheile, a cur dhibh an t-seann duine le ghniomhran,
10ʼSa cur oirbh an duine ùir, esan a thʼ air ath-nuadhachadh ann an eolas, a reir iomhaigh an Ti, a chruthaich e:
11Far nach eil cinneach no Iudhach, timchioll-ghearradh no neo-thimchioll-ghearradh, borb-fhear no Sithianach, daoranach no saoranach: ach se Criosta a h-uile ni, agus anns a h-uile ni.
12Cuiribhse ma ta oirbh, mar dhaoine taghte Dhe, naomh, agus ionmhuinn, innibh na trocaire, caoimhneas, irioslachd, stuamachd, faighidin:
13A cur suas ri cheile, ʼsa mathadh dha cheile, ma tha aobhar gearain aig neach an aghaidh neach: mar thug an Tighearna mathanas duibh fhein, thugaibhse mathanas mar an ciadna.
14Ach fos an cionn so uile biodh a charrantachd agaibh, ʼs gur i bann na coimhliontachd,
15Agus dianadh sith Chriosta aoibhneas ʼnur cridheachan, anns a bheil sibh air ar gairm ann an aon chorp; agus bithibh taingeil.
16Gabhadh facal Chriosta comhnuidh unnaibh gu pailt anns a h-uile gliocas, a teagasg ʼsa g-earalachadh a cheile le sailm, le laoidhean, agus le dàin spioradail, a seinn do Dhia gu grasmhor ʼnur cridheachan.
17Agus ciod air bith a ni sibh ann am facal, no ʼn gniomh, dianaibh gach ni ann an ainm an Tighearna Iosa Criosta, a toirt taing do Dhia ʼs do ʼn Athair troimh-san.
18A mhnathan, bithibh umhailt dha ʼr fir, mar is còir, anns an Tighearna.
19Fheara, thugaibh gaol dha ʼr mnathan, ʼs na bithibh coimheach riu.
20A chlann, bithibh umhailt dha ʼr parantan anns gach ni: oir tha so taitneach do ʼn Tighearna.
21Aithriche, na brosnaichibh ur clann gu feirg, eagal gun caill iad am misneach.
22A sheirbhisich, bithibh umhailt anns a h-uile ni dha ʼr maighistirean a reir na feola, cha n-ann le seirbhis-shula, mar a toileachadh dhaoine, ach le aon-fhillteachd cridhe, ann an eagal De.
23Ciod air bith ni ris am bi sibh, dianaibh e bho ʼr cridhe, mar do Dhia, ʼs cha n-ann do dhaoine:
24Le fios a bhith agaibh gum faigh sibh bho ʼn Tighearna duais na h-oighreachd. Do ʼn Tighearna Criosta dianaibhse seirbhis.
25Oir esan a ni cron, an ni sin a rinn e gu h-olc, gheobh e ga chionn: ʼs cha n-eil Dia gabhail ri pearsa seach pearsa.

Currently Selected:

Cholosse 3: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in