I Thimoti 6
6
VI. CAIB.
Dleasnas sheirbheiseach: cunnart sannt; comhairlean do dhaoine beairteach.
1Feadhainn air bith a tha ʼnan seirbhisich fo chuing, measadh iad gur airidh am maighistirean air a h-uile urram, aireagal ainm an Tighearna ʼsa theagasg a dhʼ fhaighinn toibheum.
2Ach iadsan aig a bheil maighistirean creideach, na sealladh iad sios orra, a chionn ʼs gur braithrean iad: ach dianadh iad seirbhis dhaibh a raghainn, a chionn iad a bhith ʼnan creidich agus gradhaichte, agus roinn aca dhe ʼn tiodhlac. Teagaisg so, agus comhairlich.
3Ma tha gin sa bith a teagasg a chaochla, ʼs nach eil a g-aontachadh do fhacail fhallain ar Tighearna Iosa Criosta, ʼs do ʼn teagasg sin a tha a reir diadhachd,
4Tha e uaibhreach, gun aithne air ni sa bith, ach ʼna bhreislich a thaobh cheisdean, us chonsachaidh mu bhriathran: bho ʼn eirich farmad, deaspud, blaisbheum, agus droch amharusan,
5Carraidean dh aoin e air an truailleadh ʼnan inntinn, air a bheil an fhirinn a dhith, a saoilsinn gur buannachd diadhachd.
6Ach is buannachd mhor diadhachd maille ri toil-inntinn.
7Oir cha tug sinn dad leinn thun an t-saoghail so; agus is cinnteach nach toir sinn dad as.
8Ach le biadh a bhith againn, us aodach gus ar n-eideadh, bithemid toilichte leo.
9Oir tuitidh an fheadhainn, a tha ʼn geall air a bhith beairteach, am buaireadh, ʼs an ribe an deomhain, ʼs an iomadh miann gun mhath agus cronail, a tha cur dhaoine fodha gu sgrios ʼs gu diteadh.
10Oir se deidh air airgiod friamh a h-uile uilc; a sanntachadh so, chaidh cuid air seachran bho ʼn chreideamh, agus ribeadh iad ann an iomadh doruinn.
11Ach thusa, O dhuine le Dia, teich bhuatha so: agus lean ceartas, creideamh, carrantachd, faighidin, ciuineachd.
12Cath deagh chath a chreidimh; dian greim air a bheatha shiorruidh, dhʼ ionnsuidh na ghairmeadh thu, ʼs na dhʼ aidicheadh leat deagh aideachadh an lathair moran fhianuisean.
13Tha mi cur mu dʼ choinneamh an lathair Dhe, a tha beothachadh a h-uile ni, ʼs an lathair Iosa Criosta, a thug teisteanas fo Phontius Pilat, deagh aideachadh,
14Gun cum thu an fhainte gun smal, gun choire gu tighinn ar Tighearna Iosa Criosta,
15A nochdas esan ʼna amannan fhein, a tha beannaichte agus ʼna aonar cumhachdach, Righ nan righrean, agus Tighearna nan tighearnan:
16A tha ʼna aonar neo-bhàsmhor, ʼsa tha tamh ann an solus air nach gabh ruighinn: nach fhaca duine riamh, ʼs nach urrainn do dhuine fhaicinn: dhasan gun robh onair, agus rioghachd shiorruidh. Amen.
17Orduich do dhaoine beairteach an t-saoghail so, gun iad a bhith ard-aigneach, no earbsa a chur á beartas neo-chinnteach, ach as an Dia bheo (a tha buileachadh oirnn gach ni gu pailt gus am mealtuinn),
18Math a dhianamh, a bhith beairteach an deagh oibrichean, deas gu toirt seachad, ʼs gu càch a chobhair,
19Maoin a chur suas dhaibh fhein, bun math mu choinneamh an ama ri tighinn, los gun dian iad greim air an fhior bheatha.
20O Thimoti, gleidh sin a chaidh earbsa riut, a seachnadh ùr-shuidheachadh ain-diadhaidh bhriathran, us comhstri mu eolas, a thʼ air ainmeachadh mar so gu briagach,
21Chaidh cuid, le creideas a thoirt da, am mearachd a thaobh creidimh. Grasan gun robh maille riut. Amen.
Currently Selected:
I Thimoti 6: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017