YouVersion Logo
Search Icon

I Thimoti 5

5
V. CAIB.
Tha e toirt chomhairlean dha thaobh bhantraichean, us ciamar a ghiulaineas e e fhein an caramh na cleire.
1Na cronaich gu garg duine aosda, ach grios air mar athair: air daoine oga, mar bhraithrean:
2Air seann mhnathan, mar mhathraichean: air boirionnaich oga, mar pheathraichean leis a h-uile geamnachd:
3Thoir onair do bhantraichean, a tha ʼnain bantraichean a rireamh.
4Ach ma tha clann no oghachan aig bantraich air bith, ionnsuicheadh i an toiseach a tigh fhein a riaghladh, agus a dleasnas a dhianamh ri ʼparantan: oir tha so taitneach an lathair Dhe.
5Ach ise a tha ʼna bantraich a rireamh, ʼs air a fagail leatha fhein, biodh a h-earbsa ann an Dia, us thugadh i i fhein, a dhʼ oidhche ʼsa latha, do dhʼ urnaigh ʼs do dhʼ achanaich:
6Oir tha ise, a tha tighinn beo an ailghios, marbh ged a tha i beo.
7Agus cuir so mu ʼn coinneamh, gus iad a bhith gun choire.
8Ach ma tha duine air bith ann, nach eil a gabhail curaim dhe mhuinntir fhein, dhiusan gu h-araid a tha ʼna thigh, dhʼ aicheadh e an creideamh, agus tha e na ʼs miosa na ana-creideach.
9Biodh bantrach air a taghadh, nach eil na ʼs lugha na tri fichead bliadhna a dhʼ aois, a bha ʼna mnaoi aon duine,
10Us teisteanas deagh oibrichean aice, ma thog i a clann gu math, ma ghnathaich i aoidheachd, ma nigh i casan nan naomh, ma fhreasdail i orrasan a tha fo thrioblaid, ma rinn i a h-uile deagh obair le dichioll.
11Ach seachuinn bantraichean mua ʼs og: oir nuair dhʼ fhasas iad mear an Criosta, is toigh leo posadh,
12ʼS iad fo dhiteadh, a chionn gun tug iad gu neo-bhrigh an ciad chreideamh.
13Us comhla ri sin, le bhith diomhain, ionnsaichidh iad dol mun cuairt bho thigh gu tigh: us cha n-e mhain diomhain a tha iad, ach bialach cuideachd, us feorachail, a bruidhinn air nichean nach còir dhaibh.
14Is math leam ma ta gum pos na bantraichean oga, gum beir iad clann, gum bi iad ʼnam bana-mhaighistirean theaghlaichean, gun aobhar a thoirt do ʼn namhaid air olc a labhairt.
15Oir thionndaidh cuid air falbh a cheana an deigh shatain.
16Ma tha bantraichean aig creideach air bith, freasdaileadh e orra, ʼs na biodh an cudthrom air an eaglais; gus am bi ann na dhʼ fhoghnas dhaibh-san, a tha ʼnam bantraichean a rireamh.
17Biodh na sagairt, a tha riaghladh gu math, air am meas toillteanach air onair dhubailte: gu h-araid iadsan, a tha ri saothair san fhacal, ʼs anns an teagasg.
18Oir tha an Sgriobtur a g-radh: Na ceangail bial an daimh, a tha saltairt an arbhair; agus: Is airidh an cosnach air a dhuais.
19An aghaidh sagairt na gabh casaid, ach le dithis, no le triuir fhianuisean.
20Iadsan a pheacaicheas cronaich ʼnan lathair uile, gu eagal a chur air càch.
21Tha mi guidhe ort an lathair Dhe, us Iosa Criosta, ʼs nan ainglean taghte, gun cum thu na nichean so gun eisimeil, gun ni dhianamh le claonadh a null no nall.
22Na leag lamhan air chabhaig air duine sam bith, ʼs na biodh comhphairt agad am peacannan dhaoine eile. Gleidh thu fhein geamnaidh.
23Na lean na ʼs fhaide air uisge ol, ach cleachd beagan fiona air son do stamaig, us tʼ easlaintean tric.
24Tha peacannan cuid de dhaoine follaiseach, a gabhail rompa gu breitheanas: us cuid eile, ʼsann tha iad gan leantuinn.
25Mar an ciadna tha oibrichean matha follaiseach; agus iadsan, a tha air chaochla seoil, cha ghabh an cleith.

Currently Selected:

I Thimoti 5: MacETN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in