II Timoti 1
1
I. CHAIB.
Tha e ga bhrosnachadh gus na grasan a bheothachadh, a fhuair e ʼna ordugh-naomh, ʼs gun a mhisneach a chall le fulangas, ach teagasg fallain an t-soisgeil a chumail gu daingeann.
1Pol, ostal Iosa Criosta le toil Dhe, a reir gealltanas na beatha, a thʼ ann an Iosa Criosta,
2Gu Timoti, mac mo mhor ghraidh, grasan, iochd, agus sith gun robh dhut bho Dhia an t-Athair, ʼs bho Iosa Criosta ar Tighearna.
3Tha mi toirt taing do Dhia, dha ʼm beil mi ri seirbhis bho mʼ aithrichean le cogais ghlain, gum beil mi gun lasachadh, a dhʼ oidhche ʼsa latha, a toirt cuimhne ort na mʼ urnaighean:
4ʼS mi an geall air tʼ fhaicinn, ʼs cuimhne agam air do dheoir, los gun lionar mi le sòlas,
5A toirt gu mʼ chuimhne a chreidimh neo-fhoilleil sin a tha unnad, a thuinich an toiseach na dʼ shean-mhathair Lois, agus na dʼ mhathair Eunice, agus, is cinnteach mi, a tha unnad fhein cuideachd.
6Air an aobhar sin, se mo chomhairle dhut, gum beothaich thu suas grasan De, a tha unnad le leagail mo lamhan-sa.
7Oir cha tug Dia dhuinn spiorad an eagail, ach na cumhachd, agus a ghraidh, agus na measarrachd.
8Na gabh nàire ma ta á teisteanas ar Tighearna, no asamsa, a phriosanach: ach saothraich comhla riumsa air son an t-soisgeil, a reir cumhachd Dhe,
9A shaor sinn, agus a ghairm sinn le ghairm naoimh, cha n-ann a reir ar n-oibrichean, ach a reir a bheachd fhein, ʼsa ghrasan a thugadh dhuinn ann an Iosa Criosta roimh thimean an t-saoghail.
10Ach a tha nis follaiseach le nochdadh ar Slanair, Iosa Criosta, a chur as do ʼn bhàs, ʼsa thug beatha agus neo-thruailleachd gu soilleireachd leis an t-soisgeul,
11Anns a bheil mise air mʼ orduchadh na mʼ shearmonaiche, agus na mʼ ostal, agus na mʼ fhear-teagaisg nan cinneach.
12As leth so cuideachd tha mise fulang nan nichean so, ach cha n-eil nàire orm. Oir is aithne dhomh co dha thug mi creideas, agus is cinnteach mi, gur urrainn da mo thasgaidh a ghleidheadh gus an latha sin.
13Biodh suidheachadh nam facal fallain agad, a chuala tu bhuamsa ann an creideamh, agus anns a ghradh, a tha ann an Iosa Criosta.
14Gleidh an deagh thasgaidh tromh ʼn Spiorad Naomh, a tha tamh unnainn.
15Tha fios agad air so, gun do thionndaidh iadsan uile a tha an Asia air falbh bhuamsa; dhiusan tha Phigellus agus Hermogenes.
16Gun dian an Tighearna trocair fhiachuinn do thigh Onesiphoruis, a chionn gun dʼ fhurtaich e ormsa gu tric, ʼs nach do ghabh e nàire as mo shlabhruidh:
17Oir nuair thainig e do ʼn Roimh, shir e air mo shon le dichioll, agus fhuair e mi.
18Gun deonaich an Tighearna dha gun ruig e air trocair bho ʼn Tighearna san latha sin. Agus is ro mhath tha fhios agad fhein a liuthad ni, anns na fhreasdail e ormsa ann an Ephesus.
Currently Selected:
II Timoti 1: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017