II Timoti 2
2
II. CAIB.
Tha e toirt brosnachaidh dha e bhith dichiollach ʼna dhriachd, us faighidneach ʼna fhulangas: an cunnart bho mhealltaireachd eiriceach.
1Bi-sa mata, a mhic, laidir anns na grasan, a thʼ ann an Iosa Criosta;
2Agus na nichean a chual thu bhuamsa an lathair moran fhianuisean, iad sin earb ri daoine dileas, a bhios freagrach gu daoine eile a theagasg mar an ciadna.
3Oibrich mar dheagh shaighdear Iosa Criosta.
4Cha n-eil duine air bith, ʼs e ʼna shaighdcar aig Dia, ga chur fhein an luib ghnothaichean saoghalta: los gun toilich e esan ris an dʼ rinn e fasdadh.
5Oir cha teid esan, a tha stri air son laimh-an-uachdar, a chrunadh, mur gleachd e gu laghail.
6Se an tuathanach, a tha ris an obair, is còir an toiseach faighinn de ʼn toradh.
7Tuig na tha mi g-radh: oir bheir an Tighearna dhut tuigse anns gach ni.
8Cuimhnich gun dʼ eirich an Tighearna Iosa Criosta bho na mairbh, a tha de shiol Dhài a reir mo shoisgeil-sa,
9Bis a bheil mi saothrachadh gu ruig ceanglaichean, mar fhear dhroch-ghniomh: ach cha n-eil facal De ceangailte.
10Uime sin tha mi cur suas leis gach ni air son nan daoine taghte, los gun ruig iadsan cuideachd air an t-sabhaladh, a thʼ ann an Iosa Criosta, maille ri gloir air neamh.
11Is facal firinneach so: Ma gheobh sinn bàs maille ris, bithidh sinn beo maille ris mar an ciadna:
12Ma dhʼ fhuiligeas sinn, righichidh sinn comhla ris: ma dhʼ aicheadhas sinn e, aicheadhaidh esan sinne mar an ciadna:
13Mur creid sinn, thaesan a fantuinn dileas, cha n-urrainn da e fhein aicheadh.
14Cuir na nichean so ʼnan cuimhne, a toirt fianuis orra an lathair an Tighearna. Na dian consachadh an cainnt: oir cha n-eil feum idir ann, ach gus an luchd-eisdeachd a chur tuathal.
15Thoir deagh aire gun giulan thu thu fhein taitneach do Dhia, na dʼ fhear oibre nach ruig a leas nàire ghabhail, a cur an ceill facal na firinne mar is còir:
16Ach seachuinn seanachas faoin agus truaillidh: oir tha sin ʼna bhrosnachadh mor gu mi-dhiadhachd:
17Oir tha an cainnt a sgaoileadh mar a chneidh: dhiu sin tha Himenéus us Philetus,
18A thuit air falbh bho ʼn fhirinn, a cantuinn gun deach an aiseirigh seachad a cheana, agus a chuir cuid de dhaoine bharr am buinn a thaobh a chreidimh.
19Ach tha steidh chinnteach Dhe a seasamh, leis an t-seul so a bhith aice: Is aithne do Dhia a mhuinntir fhein; agus a h-uile fear, a tha gairm air ainm an Tighearna, seachnadh e an t-olc.
20Ach ann an tigh mor tha saghaichean, cha n-ann a mhain a dhʼ òr, ʼsa dhʼ airgiod, ach de dhʼ fhiodh cuideachd, ʼs de chriadh; ach cuid gu dearbh gu urram, agus cuid gu as-urram.
21Ma ghlanas ma ta fear e fhein bho na nichean so, bithidh e ʼna shaghach naomhaichte gu urram, agus tarbhach do ʼn Tighearna, deas air son gach deagh ghniomh.
22Ach teich thusa bho ana-miannan na h-oige: ʼs lean ceartas, dochas, creideamh, carrantachd, agus sith riusan, a tha gairm air an Tighearna le cridhe glan.
23Agus seachuinn ceisdean faoinʼs gun fhaghlum, us fios agad gun tog iad consachadh.
24Ach cha chòir do fhear-muinntir an Tighearna a bhith ri comhstri, ach a bhith ciuin ri uile dhaoine, titheach air teagasg, faighidneach,
25A toirt comhairle le caomhalachd air an fheadhainn, a tha cur an aghaidh na firinne: gun fhios nach toir Dia iad gu aithreachas, gus an fhirinn aithneachadh,
26ʼS gus iad fhein fhuasgladh bho ribe an deomhain, aig a bheil iad an sàs ʼnam priosanaich mar is aill leis.
Currently Selected:
II Timoti 2: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017