II Timoti 3
3
III. CAIB.
Tha e fiachuinn giulan nan eiriceach anns na laithean deirionnach: tha e comhairleachadh steidhealachd do Thimoti: an tairbhe mhor a thʼ ann an eolas air an Sgriobtur.
1Biodh fios agad air so cuideachd, gun tig anns na laithean deirionnach amannan cunnartach.
2Bithidh daoine gaolach orra fhein, sanntach, uaibhreach, ardanach, blaisbheumach, as-umhailt do pharantan, mi-thaingeil, olc,
3Gun ghaol, gun shith, culchainnteach, mi-gheamnaidh, an-iochdor, gun chaoimhneas,
4Brathadairean, diorrasach, morchuiseach, nas miannaiche air sogh na air Dia;
5Air a bheil gu dearbh gné choltas na diadhachd, ach ar g-aicheadh a cumhachd. A nis seachuinn iad sin.
6Oir ʼsann dhiu iadsan, a dhʼ ialaidheas a stigh do thighean, ʼsa bheir am braighdeanas boirionnaich gun diù, lan pheacannan, air an stiuradh le ioma seorsa thograichean;
7Daonnan a g-ionnsachadh, gun idir a ruighinn air eolas air an fhirinn.
8A nis ceart mar a chuir Iannes us Mambres an aghaidh Mhaois: is amhuil a tha iad so a cur an aghaidh na firinne, daoine truaillidh ʼnan inntinn, am mearachd a thaobh creidimh,
9Ach cha teid iad nas fhaide air an adhart: oir nithear an aimideachd soilleir do dhaoine uile, mar a rinneadh an aimideachd aca-san.
10Ach fhuair thusa lan-eolas air an teagasg, a chaithe-beatha, a bheachd, a chreideamh, an fhad-fhulangas, a ghradh, an fhaighidin agamsa,
11Mo gheur-leanmhuinn, mo thrioblaidean; a leithid ʼsa dhʼ eirich dhomh an Antioch, an Iconium, ʼs an Listra; ciod iad na geur-leanmhuinnean a dhʼ fhuilig mi, us asda uile spion an Tighearna mi.
12Agus iadsan uile, leis an toil am beatha a chaitheamh gu diadhaidh ann an Iosa Criosta, fuiligidh iad geur-leanmhuinn.
13Ach fàsaidh droch dhaoine agus mealltairean nas miosa ʼs nas miosa, a dol air seachran, ʼsa cur air seachran.
14Ach lean thusa ris na nichean a dhʼ ionnsuich thu, ʼsa dhʼ earbadh riut: ʼs fios agad co bhuaithe a dhʼ ionnsuich thu iad:
15Agus gum bʼ aithne dhut bho tʼ oige na Sgriobtuirean naomh, a ʼs urrainn do theagasg gu sabhaladh, leis a chreideamh a thʼ ann an Iosa Criosta.
16Tha h-uile sgriobtur, a thʼ air a dheachdadh le Dia, feumail gu teagasg, gu cronachadh, gu smanhdachadh, gu oileanachadh ann an ceartas:#3.16 III. 16. A h-uile Sgriobtur, &c. Tha gach earrann de ʼn Sgriobtur naomh gu cinnteach feumail air son nam feum so uile. Ach ma ʼs math leinn riaghailt agus cleachdaidhnean a chreidimh chriostail gu h-iomlan a bhith againn, cha n-fhaod sinn a bhith lan thoilichte leis na Sgriobtuirean sin a bʼ aithne do Thimoti bho oige, se sin, an Seann Tiomnadh a mhain: cha n-fhaod, no leis an Tiomnadh Nuadh, mur gabh sinn maille ris bial-aithris nan Ostal, agus mineachadh na h-Eaglais, dha ʼn do liubhair na h-Ostail an dà chuid, an leabhar agus ʼfhior bhrigh.
17Los an duine aig Dia a bhith coimhlionta, ionnsuichte mu choinneamh gach deagh oibre.
Currently Selected:
II Timoti 3: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017