Biodh fios agad air so cuideachd, gun tig anns na laithean deirionnach amannan cunnartach.
Bithidh daoine gaolach orra fhein, sanntach, uaibhreach, ardanach, blaisbheumach, as-umhailt do pharantan, mi-thaingeil, olc,
Gun ghaol, gun shith, culchainnteach, mi-gheamnaidh, an-iochdor, gun chaoimhneas,
Brathadairean, diorrasach, morchuiseach, nas miannaiche air sogh na air Dia;
Air a bheil gu dearbh gné choltas na diadhachd, ach ar g-aicheadh a cumhachd. A nis seachuinn iad sin.